±«Óătv

Canaidh sinn gur e Iòseph Lister 'athair obair-lannsa ùr'

Faigh a-mach mar a rinn a bheachdan air slàintealachd agus glainnead oparèisein mheadaigeach nas sàbhailte.

Faigh a-mach mu bheatha Iòseph Lister.

Loidhne-tìm Iòseph Lister. Rugadh e 1827. Shlànaich e cas balaich le antiseaptaig 1865. Chaochail e 1912.

Cò bh' ann?

  • Rugadh Lister ann an Sasainn air 5 Giblean 1827.
  • Dh'ionnsaich athair dha mar a chleachdadh e maicreasgop.
  • Nuair a bha e 16, bha e airson a bhith na lannsair.
  • Chuir e uabhas air Lister gun robh an dĂ rna leth de dh'euslaintich a' bĂ sachadh an dèidh obair-lannsa.
  • Dh'ionnsaich e mu bhitheagan nach fhaic sinn bhon obair a rinn an ceimigear Frangach Louis Pasteur air biadh grod.
  • Thòisich Lister air ceimigean a chleachdadh airson lotan nan euslaintich a ghlanadh airson faicinn dè thachradh.
  • Cha robh uiread a' bĂ sachadh nuair a bha lotan agus innealan lannsaireachd air an glanadh le antiseaptaig.
  • Dh'fhoillsich Lister na fhuair e a-mach agus thòisich e ag iarraidh air daoine eile an aon rud a dhèanamh.
  • Chaochail Iòseph Lister ann an Sasainn air 10 Gearran 1912 agus e 87.

Obair-lannsa ro Lister

  • Bha obair-lannsa uabhasach cunnartach agus bha mòran airson stad a chur air bhon a bha uiread a' bĂ sachadh Ă s adhèidh.
  • Bhiodh euslaintich tric a' bĂ sachadh air sgĂ th 'fiabhras a' uĂ rd' a bha air adhbhrachadh le galaran an dèidh obair-lannsa.
  • Bha daoine dhen bheachd gun robh droch èadhar Ă  lotan ag adhbhrachadh fiabhras a' uĂ rd.
  • Bha moit air lannsairean a bhith ann an aodach meadaigeach le fuil air agus gun nighe airson sealltainn cho math aguscho eòlach 's a bha iad.
  • Bhiodh innealan-lannsaireachd tric salach agus cha bhiodh luchd-obrach a' nighe an ±ôĂ łľłó˛ą˛Ô.
Image caption,
Bha an sprèadh le searbhag carbolaig aig Lister ga chleachdadh airson bitheagan a mharbhadh ©The Hunterian, University of Glasgow.

Deuchainnean Lister

  • Bha Lister dhen bheachd gun robh bitheagan ag adhbhrachadh galar.
  • Bhiodh e a' cur bhrèidean am bogadh ann an searbhag charbolaig airson lotan a chumail glan. Mar bu trice bha sin airson saidhbhearan a ghlanadh!
  • Chleachd gum biodh casan no gĂ irdeanan anns an robh galar gan gearradh dhìot, ach thòisich iad a' slĂ nachadh ceart leis an stuth antiseaptaig Ăąr aig Lister.
  • Shaoil Lister gum bu chòir ±ôĂ łľłó˛ą˛Ô, aodach, innealan lannsaireachd agus lotan a bhith cuideachd air an nighe leis a' cheimigear seo.
  • Bhon nach robh uiread de chunnart ann bho ghalar, thòisich seòrsachan eile de dh'obair lannsaireachd.
  • Dh'innlich Lister fiĂą 's inneal a bhiodh a' frasadh searbhag charbolaig airson ionadan lannsaireachd a ghlanadh, ach bha e cunnartach a bhith a' gabhail searbhag air d' anail!
Image caption,
Bha an sprèadh le searbhag carbolaig aig Lister ga chleachdadh airson bitheagan a mharbhadh ©The Hunterian, University of Glasgow.

˛Ńì˛Ô±đ˛ął¦łó˛ąľ±»ĺłó±đ˛ą˛Ô

  • Bidh antiseaptaig a' cur stad air bacteria a bhios ag adhbharachadh ghalaran fĂ s (meanbh fhĂ s-bheairtean).

  • Chaidh Searbhag Charbolaig an toiseach a thoirt Ă  teĂ rr guail agus bha i air a cleachdadh air fiodh gus nach grodadh e. Bhon a tha i uabhasach lĂ idir, bhiodh Lister a' cleachdadh measgachadh anns nach robh ach 5% dhen t-searbhaig agus 95% de dh'uisge chionn loisgidh i do chraiceann ma thèid i air.

  • B' e bhith a' gearradh gĂ irdean no cas far duine am prìomh dhòigh a bh' ann aig an Ă m air stad a chur air galar bho sgaoileadh mus tĂ inig Lister. Bha sin glè thric air a dhèanamh gun fhaochadh sam bith airson pian, agus cha bhiodh mòran beò Ă s a dhèidh.

More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san Ă m a dh'fhalbh

Find out more by working through a topic