Tha cuimhne air Raibeart Brus mar ghaisgeach mòr agus mar an rìgh a choisinn saorsa do dh'Alba rè Cogaidhean na Saorsa.
Cò bh' ann an Raibeart Brus?
Bhuineadh Raibeart do theaghlach uasal Albannach aig an robh còir air rìgh-chathair na h-Alba.
An dèidh bàs Alasdair III agus Mairead, Maighdeann Nirribhidh, theab seanair Raibeirt a bhith na rìgh air Alba ann an 1292. An à ite sin, b' e Iain Balliol a bha na rìgh.
Bha tòrr fearainn aig na Brusaich ann an Sasainn agus bhiodh an teaghlach uaireannan a' cur taic ri rìgh Shasainn, Eideard I.
An dèidh do Eideard I a' chùis a dhèanamh air feachd Albannach aig Blà r Dhùn Barra agus cuidhteas fhaighinn de Rìgh Iain Balliol ann an 1296, chuir Brus taic ris an ar-a-mach an aghaidh smachd Eideird.
Ciamar a thà inig Brus gu bhith na rìgh?
Ghabh e an toiseach pà irt ann an ar-a-mach a thòisich le batalan Uilleim Ualais aig Blà r Drochaid Shruighlea agus Blà r na h-Eaglaise Brice
Nuair a chaidh Uilleam Ualas am falach an dèidh dha call aig Blà r na h-Eaglaise Brice, bha Brus na Urrasair no na Fear-gleidhidh na h-Alba. Ach bha amasan nas motha aige; bha e airson a bhith na rìgh.
Ann an 1306, choinnich e ris a' phrìomh fharpaisiche aige airson crùn na h-Alba, Iain Cuimean, aig Manachainn nam Manach Liath ann an Dùn Phris airson bruidhinn air cò an ath rìgh bu chòir a bhith ann agus air sabaid air ais an aghaidh Eideard I.
Thòisich sabaid agus chaidh Cuimean a mharbhadh. Thug an eaglais taic do Bhrus agus nas fhaide den bhliadhna sin chaidh a chrùnadh mar Rìgh na h-Alba.
Fiosrachadh mu Bhrus
- Rugadh Raibeart ann an 1274 - 's iongantach mura b' ann ann an Siorrachd Àir
- Anns a' Ghearran 1306 shĂ th e a cho-fharpaiseach, Iain Cuimean, ann am Manachainn nam Manach Liath, DĂąn Phris
- Anns a' Mhà rt 1306 chaidh Raibeart Brus a chrùnadh mar Rìgh na h-Alba
- Anns an Ă’gmhios 1314 fhuair e a' bhuaidh bu mhotha a bh' aige, aig BlĂ r Allt a' Bhonnaich
- Chaochail e ann an 1329
- Tha a chorp air a thiodhlaiceadh ann an Abaid DhĂąin PhĂ rlain ach tha a chridhe air a thiodhlaiceadh ann an Abaid Maoil Rois
Ciamar a shaor Brus Alba?
Cha deach gu math le Brus an toiseach. Chaill e aig Blà r Mheithinnidh ann an 1306. Bha a bhean, a nighean agus a pheathraichean nam prìosanaich aig Sasainn, agus mharbh iad a bhrà ithrean.
Chaidh Brus am falach, ach thill e agus thòisich e a' toirt ionnsaighean air caistealan a bha fo smachd feachdan Sasannach ann an Alba.
Mu dheireadh, mhèarrs Rìgh Eideard II - mac Eideird I - feachd gu tuath airson Brus a lorg agus buaidh fhaighinn air.
Aig Blà r Allt a' Bhonnaich ann an 1314, chuir Brus armailt Eideird fodha. Ann an 1329 shoidhnig Alba agus Sasainn aonta sìthe. Bha Cogaidhean na Saorsa seachad!
More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san Ă m a dh'fhalbh
Find out more by working through a topic
- count23 of 28
- count24 of 28
- count25 of 28
- count26 of 28