±«Óătv

B' e Blàr Allt a' Bhonnaich am prìomh bhlàr mu dheireadh de Chogaidhean na Saorsa. Thachair e thar dà latha air 23 agus 24 Ògmhios 1314.

Faigh a-mach mar a rinn Raibeart Brus a' chĂąis air arm Shasainn aig BlĂ r Allt a' Bhonnaich.

Ciamar a bhuannaich Raibeart Brus am blĂ r?

B' e Raibeart Brus a bha os cionn feachd na h-Alba. Nan aghaidh bha feachd Shasannach, fo Rìgh Shasainn, Eideard II, a bha gu math na bu mhotha.

Dh'fheumadh Raibeart a bhith gleusta ma bha e a' dol a bhuannachadh.

Chuir Raibeart na saighdearan aige ann am buidhnean mòra, teann ris an canar sioltroin.

Bha na sioltroin coltach ri grĂ ineagan mòra oir bha ±čìł¦±đ˛ą˛Ô agus sleaghan mòra aca.

Ghabh Raibeart air a shocair mus do thòisich e a' sabaid. Chùm e an fheachd aige sàbhailte a' chiad latha agus dh'fhuirich e gus an dèanadh feachd Shasainn mearachd.

Blàr Allt a' Bhonnaich: Prìomh cheumannan

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, Dealbh bho beò-dhealbhadh goirid a' sealltainn Caisteal Shruighlea agus feachdan Albannach, Caisteal Shruighlea Blàr Allt a' Bhonnaich faisg air Caisteal Shruighlea – an caisteal mu dheireadh ann an Alba a bha fo smachd shaighdearan Sasannach. Bha Caisteal Shruighlea air leth cudromach do mheadhan Alba. Ma bha smachd agad air Caisteal Shruighlea, bha smachd agad air Alba.
Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh BlĂ r Allt a' Bhonnaich
Image caption,
Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh an t-700mh ceann-bliadhna de BhlĂ r Allt a' Bhonnaich.

Plana Raibeirt airson a' bhlĂ ir

  • Chuir Raibeart an fheachd aige am falach ann an coille airson a dìon bho bhoghadairean Shasainn
  • Dh'fhuirich Raibeart gus an deach feachd Shasainn tarsainn air abhainn
  • Thug na sioltroin aig Raibeart ionnsaigh air feachd Shasainn gun fhiosta dhaibh
  • Bha feachd Shasainn air a glacadh le taobhan casa air bruach na h-aibhne agus cha b' urrainn dhaibh tilleadh
  • Thug Raibeart òrdan dha na fir agus dha na boireannaich a bha a' cuideachadh iad gluasad air adhart. Bha na Sasannaich mar sin an dĂąil gun robh feachd na bu mhotha aige

Dh'obraich am plana aig Raibeart. Thug e a chreidsinn air feachd Shasainn gun robh fiĂą 's barrachd shaighdearan Albannach a' tighinn agus chaidh iad nam boil.

Chaidh na mìltean shaighdearan Sasannach a mharbhadh. Cha d' fhuair ach a dhà no trì cheudan air ais a Shasainn gu sàbhailte.

Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh BlĂ r Allt a' Bhonnaich
Image caption,
Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh an t-700mh ceann-bliadhna de BhlĂ r Allt a' Bhonnaich.

More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san Ă m a dh'fhalbh

Find out more by working through a topic