tv

'S e teacstaidhlean a h-uile seòrsa stuth-aodaich a bhios sinn a' cleachdadh. Bidh sinn a' dèanamh aodach leotha, àirneiseachd agus fiù 's togalaichean.

Bidh diofar theacstaidhlean gar cumail blàth agus tioram agus a' leigeil leinn ar faireachdainnean a shealltainn tro dhiofar dhealbhaidhean is stoidhlean.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Teacstaidhlean nàdarra agus sinteataig

  • Buaidh theacstaidhlean air an àrainneachd

  • Mar as urrainn dhuinn buaidh theacstaidhlean air an àrainneachd a lùghdachadh

  • Buannachdan agus dùbhlain theacstaidhlean

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Teacstaidhlean nàdarra agus sinteataig

Ron 19mh linn, bha a h-uile teacstaidhl air a dhèanamh bho stuthan nàdarra mar:

  • bathar bheathaichean (mar eisimpleir, leathar, clòimh, bian agus fiù 's sìoda)
  • snàithleach bho lusan (mar eisimpleir cotan bho lusan cotain no anart bho lus ris an canar lus an lìn)

San 19mh linn, chaidh dòighean ùra a lorg air stuthan nàdarra a dhèanamh nan teacstaidhlean mar reidhean. Bha seo a' ciallachadh gun gabhadh fada a bharrachd a dhèanamh ann am factaraidhean.

San 20mh linn, chaidh diofar theacstaidhlean innleachadh, mar eisimpleir, naidhlean, polaidheastar, acriolaig agus spandex. Tha iad sin uile air an dèanamh à diofar sheòrsaichean plastaig. An àite tighinn bho lusan no bho bheathaichean, tha na teacstaidhlean sin uile air an dèanamh à connaidhean-fosail, gu h-àraidh ola.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , O chionn fhada, bhiodh daoine gan èideadh fhèin a' cleachdadh stuthan nàdarra. Bidh mòran dhinn a' cur oirnn aodach de theacstaidhlean nàdarra an-diugh mar cotan, anart agus clòimh. Bidh cuid, mar muinntir an Inuit ann an Canada, fhathast a' cleachdadh bèin bheathaichean airson aodach agus sgeadachadh. (ton koene / Alamy Stock Photo)

Faodaidh buannachdan agus eas-bhuannachdan a bhith aig aodach a nithear bho na teacstaidhlean sinteataig seo:

  • Bidh polaidheastar a' tioramachadh nas luaithe na cotan agus tha e nas fhasa a dhath, ach faodaidh fàileadh tighinn às chionn bidh bacteria a' fàs gu math air snàithleach polaidheastar.
  • Tha acriolaig bog agus blàth mar a tha clòimh ach nas saoire a dhèanamh. Ach faodaidh e leigeil le dealan stadaigeach cruinneachadh agus thèid e na theine gu furasta.
  • Tha naidhlean tana, làidir agus uisge-dhìonach, ach bidh e a' dol a-staigh nuair a dh'fhàsas e ro theth.
  • Tha spandex sìnteach agus nì e aodach do ùٳ-chleasaichean. Cha leig e fallas a-mach, agus feumar a mheasgadh còmhla ri stuthan eile gus nach bi fallas dhìot.

Tha eas-bhuannachdan àrainneachdail aig a h-uile gin dhe na stuthan sinteataig sin.

Image caption,
Tha aodach spòrs air a dhealbh gu sònraichte airson coileanadh nas fheàrr. Tha mòran lèintean spòrs air an dèanamh airson fiotadh gu teann airson cuideachadh le luaths agus gluasad. Ann an rugbaidh agus ann am ball-coise, bidh e cuideachd a' cur stad air an fheadhainn a tha nad aghaidh bho bhith a' glacadh do lèine. Tha teicneòlas cuideachd a' ciallachadh gu bheil stuthan air an dealbh airson fallas a shùghadh agus do chumail fionnar fhad 's a bhios tu a' gluasad. (Split Seconds / Alamy Stock Photo)
Back to top

A' bhuaidh a tha aig teacstaidhlean air an àrainneachd

Snàithleach sinteataig

Tha eas-bhuannachdan àrainneachdail aig a h-uile snàithleach sinteataig. Tha iad uile a' cleachdadh tòrr ùٳ an dèanamh agus faodaidh sin truailleadh adhbharachadh. Tha 10% de dh'eimiseanan carbon na cruinne co-cheangailte ri fasan agus teacstaidhlean. 'S e plastaigean a th' anns a' mhòr-chuid dhiubh. Mar sin cha bhi iad a' agus, fìù 's gan nighe, bidh iad a' leigeil bhìdeagan beaga bìodach plastaig a shiostam an uisge.

Fasan luath

Tha tòrr dhe na h-aodaichean air an dèanamh le snàithleach sinteataig nam 'fasan luath', agus tha sin a' ciallachadh gu bheil iad air an dèanamh gu saor, air an reic air prìs shaor agus air an dealbh gu bhith ort agus a' coimhead math uair no dhà mus tèid an sadail às. 'S e caitheamh uabhasach a tha seo air ùٳ agus air stuth agus bidh e a' toirt suas rùm mar ìDzԲ-ٲ󲹾Բ.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Bidh fasan luath a' cruthachadh aodach saor a tha glè thric air a shadail às an dèidh ùine ghoirid. 'S àbhaist an t-aodach sin a bhith air a dhèanamh à teacstaidhlean sinteataig nach bith-lobh agus a thèid mu dheireadh gu ìDzԲ-ٲ󲹾Բ. (Anneliese Gruenwald-Maerkl / Alamy Stock Photo)

Snàithleach lusan

Tha droch bhuaidh cuideachd aig stuthan nàdarra mar cotan air an àrainneachd. Tha feum air tòrr uisge airson àireamh mhòr de lusan cotain fhàs airson coinneachadh ri iarrtas air feadh an t-saoghail airson dinichean, t-lèintean agus aodach cotain eile. Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 3,781 liotairean uisge a chosg a' dèanamh paidhir dinichean eadar am bàrr fhàs agus na dinichean a dhath. Tha cuideachd tòrr bhiastagan is phlàighean ann a bhios a' milleadh lusan cotain. Agus airson dèiligeadh ris a sin, bidh tuathanaich air feadh an t-saoghail a' cleachdadh ceimigeach, a dh'fhaodas an àrainneachd agus slàinte dhaoine a mhilleadh.

Bathar bheathaichean

Tha cuid dhen bheachd gu bheil e ceàrr beathaichean àrach airson theacstaidhlean is stuthan.

Feumaidh sinn smaoineachadh air buaidh stuthan bho bheathaichean cuideachd. Tha cumail chaorach airson clòimh agus crodh airson leathar a' cleachdadh fearann agus ùٳ. Nas lugha na tha iad ag ithe feur a-mhàin, tha feum air barrachd fearainn agus ùٳ airson biadh fhàs dhaibh agus a thoirt thuca. Bidh crodh a' dèanamh tòrr meatan. 'S e gas taigh-glainne a tha sin a bhios a' cur ri blàthachadh na cruinne.

Tha buaidh aig a h-uile teacstaidhl air an àrainneachd. ’S e aon dòigh air seo a lùghdachadh gun uiread a chleachdadh.

Turas lèine-t

Ma choimheadas tu air leubail tè dhe na t-lèintean agad, innsidh e dhut càit an deach a dèanamh. Ach chan eil a sin ach pàirt dhen sgeul.

Airson an lèine-t agad a dhèanamh, bhiodh i air turas eadar an t-achadh agus an rèile aodaich. Chan ann a-mhàin bhon àite san deach an t-aodach a dhèanamh chun an àite san deach a cheannach a tha mìltean aodaich.

'S dòcha gun do thòisich an turas mar lus cotain a dh'fhàs anns na h-Innseachan, agus gun deach e an uair sin a Shìona far an deach an cotan amh a dhèanamh na aodach. 'S dòcha gun deigheadh an stuth-aodaich an uair sin a Bhangladeis airson lèine-t a dhèanamh mus deigheadh i dhan RA far an tèid a ceannach.

'S dòcha nach e sin crìoch an turais ge-tà, oir bidh cuid de dhaoine ag ath-chuairteachadh lèintean-t, agus 's dòcha gun tèid iad a dhùthchannan fo leasachadh far an cuir daoine eile orra iad.

Back to top

Dòighean a lùghdaicheas sinn buaidh theacstaidhlean air an àrainneachd

Gus nach bi sinn a' toirt uiread de dhroch bhuaidh air an àrainneachd air sgàth an aodaich a thaghas sinn, faodaidh sinn an riaghailt shìmplidh ù岹, Ath-chleachd, Ath-chuairtich a leantainn. Faodaidh sinn iad seo a dhèanamh:

  • ù岹 uiread an aodaich a bhios sinn a' ceannach agus seachain fasan luath
  • Ceannaich aodach a chaidh a dhèanamh caran ionadail agus nach do chleachd uiread de ùٳ no de chòmhdhail airson faighinn thugad
  • à an t-aodach a th' againn gus nach bi againn ri tòrr aodaich a cheannach
  • Ath-chleachd aodach le bhith a' dèanamh rudan ùra à seann aodach. Cleachdaidh mòran dhaoine an seann stuth-aodaich airson aodach ùr a dhèanamh no rudan ùra mar bagannan
  • Dèan suaip air aodach còmhla ri caraidean
  • Thoir aodach nach eil thu ag iarraidh do bhùithtean carthannais airson gun cleachd daoine eile iad
  • Nuair a bhios sinn deiseil leis an stuth anns an aodach againn, bu chòir dhuinn ath-chuairteachadh. Tha ionadan ath-chuairteachaidh aig a' mhòr-chuid dhe na mòr-bhùthan a tha furasta an cleachdadh agus a nì cinnteach nach tèid stuth a chaitheamh.
Image caption,
'S e sgil fheumail a th' ann aodach a chàradh agus bheir e air d' aodach maireachdainn nas fhaide.
Image caption,
Faodaidh tu rudeigin ùr, inntinneach a dhèanamh bho aodach nach eil thu ag iarraidh.
Image caption,
'S e deagh spòrs a th' ann aodach a suaipeadh còmhla ri caraid agus dh'fhaodadh an dithis agaibh a bhith le aodach ùr, an-asgaidh.
Back to top

Buannachdan agus dùbhlain theacstaidhlean

Buannachdan

  • Le roghainn a bhith againn de stuthan nàdarra agus sinteataig airson aodach, faodaidh sinn taghadh a dhèanamh air mar a bhios sinn a' coimhead agus mar a sheallas sinn ar faireachdainnean tro aodach.

  • Tha stuthan sinteataig a' ciallachadh gun urrainn dhuinn aodach a dhealbh a tha a' freagairt nas fheàrr air ar feumalachdan. Mar eisimpleir, aodach nas fheàrr airson spòrs agus aodach aotrom ach blàth airson gnàth-shìde nas fhuaire.

  • Gabhaidh iomadh seòrsa stuth ath-chuairteachadh gu bhith na aodach ùr, na àirneiseachd no bathar eile.

  • Tha an comas a-nis aig dealbhadairean aodach ath-chuairtichte a dhèanamh bho chupannan 's bho phlastaig air ath-chuairteachadh.

  • Le d' aodach a thoirt gu banca aodaich no gu bùth carthannais, bidh thu a' cuideachadh dhaoine eile. Chan e a-mhàin gum faigh daoine eile an t-aodach agad, ach bidh thu a' cuideachadh le airgead a thogail do dheagh adhbhar.

ù

  • Tha cotan air a chleachdadh airson iomadh rud a dhèanamh, ach airson cotan fhàs, tha ceimigean cronail air an cleachdadh a bhios a' truailleadh na h-àrainneachd ionadail.

  • Tha dinichean air an dèanamh à cotan agus tha suas ri 3,781 liotairean uisge air a chleachdadh airson dìreach aon phaidhir a dhèanamh.

  • Bu chòir dhuinn a bhith mothachail air dè cho fada 's a shiubhail an t-aodach againn airson faighinn thugainn. Mar as fhaide a dh'fheumas iad tighinn air plèana, bàta no rathad, 's ann as miosa a' bhuaidh air an àrainneachd.

  • Tha stuthan sinteataig air an dèanamh à connaidhean-fosail a tha dona dhan àrainneachd. Tha tòrr ùٳ agus uisge air a chleachdadh gan dèanamh, agus faodaidh iad truailleadh adhbharachadh.

  • Cha bhi stuthan sinteataig a' bith-lobhadh agus feumaidh sinn mar sin cur às dhaibh ann an dòighean eile.

  • Tha an t-aodach againn glè thric air a dhèanamh ann an dùthchannan fo leasachadh far a bheil cor-obrach muinntir an àite truagh. Faodaidh an t-airgead a tha iad a' faighinn mar phàigheadh a bhith uabhasach ìosal.

Back to top

stuthan sinteataig - Stuthan fuadain nach faighear ann an nàdar. Gabhaidh rudan mar plastaig a chruthachadh le bhith a' cur diofar cheimigean còmhla, agus gabhaidh stuthan a dhèanamh mar polaidheastar, acriolaig agus spandex a th' air an cleachdadh airson aodach a dhèanamh.

stuthan nàdarra - Stuthan a tha rim faighinn ann an nàdar agus nach deach an dèanamh le daoine.

connaidhean-fosail - 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan ùٳ neo-ath-nuadhachail againn. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh bho bheathaichean agus bho lusan marbh. Bidh na beathaichean agus na lusan sin air an dùٳadh fon talamh thar mhilleanan bhliadhnaichean agus bidh iad mu dheireadh a' dol nan connadh-fosail.

neo-ath-nuadhachail - Tha stòrasan nàdarra nach tig air ais an dèidh an cleachdadh neo-ath-nuadhachail. Tha seo a' ciallachadh gu bheil uiread shuidhichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail mar gual, ola agus gas gu lèir nan stòrasan neo-ath-nuadhachail.

aerodaineamaigs – A' sgrùdadh mar a bhios èadhar a' gluasad timcheall nì solad. Tha càraichean agus plèanaichean air an dealbh gu bhith aerodaineamaig, a' ciallachadh gun tèid èadhar thairis orra airson gun gluais iad gu luath.

atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh sa cheann fhada ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge msaa) air an Talamh, agus a' bhuaidh aca sin, mar eisimpleir tart agus tuiltean.

eimiseanan carbon dà-ogsaid - Carbon a' dol mu sgaoil ann an àile na talmhainn agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

bith-lobhadh - An comas a th' aig stuth briseadh sìos agus a dhol à bith thar ùine. Bidh cuid de stuthan air an eadar-sgaoileadh le bacteria no eileamaidean bith-eòlasach eile. Ma bhith-lobhas stuth, tha e a' ciallachadh gun urrainn meanbh-fhàs-bheairtean ithe. Tha e na phròiseas cudromach ann an eag-eòlas agus ann am manaidseadh sgudail.

Back to top

ù

Thoir seachad no càirich aodach

Faigh a-mach càit a bheil am banca aodaich agus a' bhùth carthannais as fhaisge ort. An-ath-turas a bhios tu a' sadail às aodach a th' ann an deagh staid ach nach eil thu ag iarraidh tuilleadh, thoir iad dhan bhanca aodaich no dhan bhùth charthannais an àite an cur dhan bhiona.

Ma tha thu a' dol a shadail às aodach le toll ann, reubadh no milleadh eile, feuch ri ionnsachadh mar a chàiricheas tu e an àite sin. Iarr cuideachadh air cuideigin san teaghlach airson d' aodach a chàradh, no dh'fhaodadh sibh ionnsachadh còmhla bho bhidio air an eadar-lìon.

Back to top

More on Stuthan agus stòrasan

Find out more by working through a topic