±«Óãtv

Carson a chaidh mo bheachd no na luchdaich mi suas a dhubhadh às?

Air ùrachadh: 1 An t-Samhain 2018

Tha dà adhbhar ann air an deach do bheachd no na luchdaich thu suas a dhubhadh às far làrach no app leis a’ BhBC:

1. Tha neach eile air fios a chur thugainn ri linn ‘s gu bheil e a’ briseadh riaghailtean a’ BhBC air beachdachadh agus luchdachadh.

2. Chaidh a lorg tro ar sioltachain measaidh no co-mheasair.

Leugh tuilleadh mu mar a bhios sinn a’ measadh an seo.

Ma tha cuid de na beachdan agad no na luchdaich thu suas air a dhubhadh às, cuiridh sinn fios ag innse carson tro phost-d. Chan eil e comasach dhan cho-mheasair beachd a dhubhadh às gun post-d a chruthachadh a thèid thugad le mìneachadh. Tha seo a’ cumail a’ chùis cothromach.

Aig amannan, ‘s dòcha gum faigh thu brath pearsanta ag innse carson a chaidh do bheachd a dhubhadh às. Ach cha tèid againn air seo a dhèanamh gach turas.

Ma tha thu air post-d a leughadh agus mura bheil thu ag aontachadh, faodaidh tu tagradh a dhèanamh an aghaidh a’ cho-dhùnaidh. Faigh a-mach mu thagradh an seo.

Change language: