±«Óãtv

Dè na riaghailtean a th’ ann airson beachdan is luchdachadh suas?

Air ùrachadh: 20 An t-Iuchar 2023

Cuimhnich gur e beachdan pearsanta a tha thu fhèin is daoine eile a' cur a-steach, 's nach e beachdan a' BhBC.

Tha e a’ còrdadh rinn do bheachdan agus na luchdaich thu suas fhaicinn. Tapadh leat airson pàirt a ghabhail, ach na dèan càil a tha mì-chàileir, mì-mhodhail no mì-laghail.

Gu sònraichte na foillsich càil:

  1. A tha mì-iomchaidh (ana-cainnteach, oilbheumach no gràineil). Cha ghabh sinn idir ri ana-caitheamh pearsanta (sam bith) eadar an luchd-cleachdaidh
  2. A tha far a’ chuspair (bhon chiad sealladh no bhon chòmhradh seo). Tha seo far a' chuspair (bhon bhun-chuspair no bhon chòmhradh leantainneach). Tha seo a' gabhail a-steach a bhith a' toirt seachad beachd gus feuchainn ris a' chòmhradh atharrachadh agus cuspair eile a dheasbad.
  3. A tha buaireasach no a mhilleas an còmhradh airson daoine eile nuair a thèid fhoillseachadh le rùn buaireasach
  4. Anns a bheil fiosrachadh pearsanta (d’ fhiosrachadh fhèin no neach eile)
  5. A chuireadh clann ann an cunnart
  6. A tha mì-laghail, no a’ brosnachadh dol a-mach mì-laghail
  7. A tha tuaileasach (a dhèanadh cron air cliù neach eile)
  8. A nì tàir air a’ chùirt (no a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air cùis lagha)
  9. A dh'fhaodadh a bhith na mhì-fhiosrachadh no neo-fhiosrachadh cronail
  10. A bhriseadh a-steach air còraichean chuideigin (a’ gabhail a-steach còraichean phrìobhaideachd)
  11. A chaidh a chruthachadh le neach eile no a tha na leth-bhreac de rud a chruthaich neach eile
  12. A dh’fhaodadh a bhith na bhuannachd ionmhais dhut (sanasachd, urrasachd is eile)
  13. Nach eil ann am Beurla (chan eilear a' cur taic ri Cuimris is ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ an-dràsta)
  14. Sgudal-d no dòigh-imeachd coimpiutaireachd a tha seo (ann an dòigh eile, a' sgaoileadh theachdaireachdan air nach eil iarrtas ann an dòigh a tha buaireasach)
  15. Anns a bheil ceanglaichean gu stuthan a dh'fhaodar luchdachadh sìos (PDFan nam measg), dad sam bith anns am faodadh bhìorasan a bhith, spyware, paywalls is eile, no stuthan dham feumar logadh a-steach
  16. A’ briseadh ar riaghailtean a thaobh taghaidhean is reifreinn rè amannan iomairt oifigeil. Mar sin chan fhaodar pàirt a ghabhail ann an sanasachd, no iomairtean bhòtaidh, no daoine a bhrosnachadh gus bhòtadh ann an dòigh sònraichte, agus chan fhaodar iomradh a thoirt air cò dha an do bhòt thu air an latha taghaidh fhèin
  17. Riochd neach eile a ghabhail - gu h-àraid neach-cleachdaidh eile - le rùn buaireasach
  18. Air fhoillseachadh bho chunntas a chaidh a chruthachadh airson faighinn timcheall air bacaidhean measaidh no airson buaireadh adhbharachadh
  19. Nach eil a' cumail ri ar Cumhaichean Cleachdaidh.

Ma tha thu den bheachd gun deach riaghailtean a bhriseadh, cleachd an goireas airson brath a chur anns an tagradh. Cha bu chòir dhut fios a chur dìreach air sgàth 's nach eil thu ag aontachadh leis na beachdan a th' ann.

Faigh a-mach tuilleadh

Change language: