±«Óătv

Am faod mi stuthan bhon BhBC a sgaoileadh?

Air Ăąrachadh: 18 An DĂ mhair 2022

Faodaidh, ach tha riaghailtean ann (seo iad).

Bidh co-dhiù aon de na putain a leanas ri taobh stuthan a ghabhas sgaoileadh, no “sgaoilein”:

• Sgaoil

• Cuir an sàs

•&˛Ô˛ú˛ő±č;Putain air na meadhanan sòisealta airson postadh air Facebook, Twitter agus an leithid.

Riaghailtean mu bhith a' sgaoileadh stuthan a' BhBC

Chan eil còraichean-lethbreac daonnan againn airson sgaoilein. Uaireannan bidh feum againn air cead fhaighinn bho na daoine a chruthaich an stuth. Mar sin, lean na riaghailtean seo. No cha bhi na daoine a bhios a' cruthachadh stuthan dhuinn airson a dhèanamh a-rithist.

Bidh feum agad air cead bhuainn airson a chleachdadh ann an gnìomhachas, is ma dh'fhaoidhte gum bi airgead agad ri phĂ igheadh. Leugh seo ma thathar ga chleachdadh ann an gnìomhachas.

Dè dh’fhaodas tu dhèanamh

Cleachd putain sgaoilidh

Airson ceangal gu ar stuthan a sgaoileadh air an làrach-lìn agad no na meadhanan sòisealta.

Nuair a tha thu a’ sgaoileadh stuth gu na meadhanan sòisealta, ’s e na cumhaichean acasan a tha buntainneach. Bu chòir dhut an cumhaichean a leughadh. (faodaidh tu an lorg air-loidhne).

Cuir an cluicheadair againn an sàs air an làrach-lìn agad no air na meadhanan sòisealta

Ach na:

  • Atharraich mar a tha an cluicheadair ag obair
  • Toir stuthan a-mach Ă s
  • Cuir stuth sam bith an sĂ s air nach eil putan airson a chur an sĂ s.

Tha riaghailtean eadar-dhealaichte ann airson a bhith a’ cleachdadh iPlayer. Leugh mun deidhinn an seo.

Post beachdan is brathan mu ar sgaoilein.

Fhad 's nach eil iad olc. 

Rudan nach fhaod thu dhèanamh

Na cleachd sgaoilein airson adhbharan millteach no oilbheumach

Seo liosta de rudan a dh’fhaodadh a bhith millteach no oilbheumach:

• Ag ailiseachadh, cuir air seacharan, dèanamh leth-bhreith no a’ toirt an cliù bho dhaoine

• A’ cur air adhart drùiseantachd, tombaca no innealan-cogaidh

• A’ cur clann ann an cunnart

• Càil mì-laghail. Mar a bhith a’ cleachdadh cainnt gràin, a’ brosnachadh ceannairc no a’ briseadh lagh prìobhaideachd

• Càil a mhilleadh cliù a’ BhBC.

Na dèan e coltach ris gun do chosg sgaoilein airgead 

Chan fhaod thu pĂ igheadh iarraidh airson ar sgaoilein a chleachdadh. Ma chuireas tu iad air lĂ raich a tha ag iarraidh pĂ igheadh airson stuthan, feumaidh tu a rĂ dh gu bheil iad rim faicinn an-asgaidh.

Na dèan iad nas nochdte na stuthan nach eil bhon a' BhBC

No dh’fhaodadh e bhith a’ coimhead mar gu bheil sinn a’ cur taic riut. Agus chan urrainn dhut seirbheis a chruthachadh dhut fhèin anns nach eil ach na sgaoilein againne.

Na àibheisich do dhàimh ris a’ BhBC

Chan fhaod thu a ràdh gu bheil sinn a’ toirt taic, a’ cur air adhart, a’ solarachadh no a’ gabhail deagh bheachd ort. Na cleachd sgaoilein air adhbharan poilitigeach. Agus chan fhaod thu a ràdh gur ann agadsa a-mhàin a tha cead ar stuth a chleachdadh.

Na dèan ceangal eadar stuthan a’ BhBC agus sanasachd no goistidheachd

Tha sin a’ ciallachadh nach fhaod thu:

• Stuth sam bith eile a chur eadar an ceangal chun an sgaoilein agus an sgaoilean fhèin. Chan fhaod thu sanasan no bhidiothan goirid a dh’fheumas daoine fhaicinn a chleachdadh

• Sanasan a chur rin taobh no thairis orra

• Sanasan a chur ann an duilleig sam bith no app anns a bheil mòr-chuid de sgaoilein

• Sanasan co-cheangailte rin cuspair a chur ri taobh sgaoilein. Ma tha sgaoilean agad mu bhrògan chan fhaod thu sanas mu bhrògan-ruith a chur faisg air

• Stuthan a bharrachd a chur ris a chiallaicheadh gun dèanadh tu airgead bhuapa.

Na bi meallta mu cò às a thàinig iad

Chan urrainnear am fios mu chòraichean a thoirt air falbh no atharrachadh, no beachd a thoirt gur e cuideigin eile a chruthaich iad.

Na th’ agad ri dhèanamh

Cleachd an dreach as ùire. Na toir air falbh tagaichean no tracadh sam bith. Agus dèan cinnteach gu bheil e air fhoillseachadh gu ceart.

Cuir aithneachadh ris (mur eil sin air cheana):

• Bho – 

•&˛Ô˛ú˛ő±č;

•&˛Ô˛ú˛ő±č;

•&˛Ô˛ú˛ő±č;- © còraichean (a’ bhliadhna an seo) ±«Óătv

Ma ghabhas e dèanamh, cuir ceangal-lìn chun an àite san d’fhuair thu an sgaoilean. Dèan cinnteach gu bheil e ag obair agus na cuir càil eadar an t-aithneachadh agus an ceangal-lìn.

Change language: