±«Óãtv

Dè th’ anns an sgrìobhadh beag?

Air ùrachadh: 31 An t-Iuchar 2019

Tha do dhàta cudromach

Tha sinn airson do chuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn na còraichean a th’ agad agus an cleachdadh cho furasta sa ghabhas.

Cuimhnich

A rèir d’ iarrtas, dh’fhaodadh gu feum sinn dà sheòrsa nì-aithneachaidh gus dearbhadh gur tu da-rìreabh a th' ann.

Tha seo a’ gabhail a-steach:

  • Cead-siubhail
  • Cead dràibhaidh
  • Teisteanas breith
  • Bileag seirbheis, aithris banca no leabhar màil bho na trì mìosan a dh’fhalbh
  • Bileag clàraidh carbad

'S dòcha gum bi amannan ann far nach urrainn dhuinn d' iarrtas a choileanadh. Mar eisimpleir:

  • Nam faodadh e buaidh a thoirt air còraichean dhaoine no chompanaidhean eile
  • Mura bheil thu air am fiosrachadh air fad a tha dhìth a thoirt dhuinn, agus dearbhadh aithne
  • Ma tha an lagh ag innse dhuinn nach eil an leithid ceadaichte no ma tha e mar phàirt de sgeulachd naidheachd
  • Agus uaireannan ma tha sinn den bheachd gu bheil thu ag iarraidh fada cus

Mar a tèid againn air do chuideachadh, tillidh sinn thugad agus mìnichidh sinn carson. Nì sinn ar dìcheall tilleadh thugad taobh a-staigh mìos. Airson iarrtasan nas toinnte, no airson tòrr iarrtasan, ‘s dòcha gun toir sinn nas fhaide, ach leigidh sinn fios ma tha dàil gu bhith ann agus dè an t-adhbhar air a shon.

Change language: