±«Óătv

Am ±«Óătv air innealan gutha

Air Ăčrachadh: 26 An DĂ mhair 2022

Gheibhear stuthan a’ BhBC tro innealan gutha Amazon Echo is Google ±«Óătv. Bheir sinn taic do dh’innealan gutha eile rĂš Ăčine.

DĂš na stuthan ±«Óătv a gheibhear air Google ±«Óătv?

±«Óătv Sounds

Faodar Ăšisteachd ri na stĂšiseanan rĂšidio ±«Óătv as fheĂ rr leat. Can: “Ok Google, play ±«Óătv [stĂšisean rĂšidio]”. .

Naidheachdan

Tha ±«Óătv Naidheachdan, Naidheachdan World Service agus ±«Óătv Minute air fad rim faighinn. Can: “OK, Google, play the news”. .

An-drĂ sta, chan fheum thu logadh a-steach gud chunntas ±«Óătv airson Google ±«Óătv a chleachdadh.

DĂš na stuthan bhon BhBC a gheibhear air Amazon Echo?

±«Óătv Sounds 

Le Skill a’ BhBC, faodar Ăšisteachd beĂČ ri stĂšiseanan rĂšidio a’ BhBC air fad agus ar susbaint air iarrtas air fad a chluich, a’ gabhail a-steach phrĂČgraman, podcastan agus measgachaidhean ciĂčil.

Cuir eĂČlas air ĂČrduighean airson ±«Óătv Sounds air Amazon Echo/Alexa.

Naidheachdan eadar-ghnĂŹomhach 

Airson na naidheachdan as Ăčire fhaighinn, can “Give me ±«Óătv News” ri inneal Alexa sam bith.

Airson gluasad tro na sgeulachdan: “Alexa, next”.

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu sgeulachd shĂČnraichte: “Alexa, more from the ±«Óătv”.

Flash Briefings

Tha , , , agus air fad rim faighinn mar Flash Briefings. Can: “Alexa, play my Flash Briefing”.

Ma tha inneal Amazon le sgrion agad, leithid an Echo Show no Echo Spot, gheibh thu Flash Briefings ±«Óătv Naidheachdan mar bhidio.

Ciamar a gheibh mi ±«Óătv Skill air Amazon Echo?

Airson Skill a’ BhBC a chur an comas gu fĂšin-obrachail, can: “Alexa, open the ±«Óătv”. Neo, faodaidh tu Skill a’ BhBC a lorg agus a chur an comas tro app no . Tha e an-asgaidh.

An uair sin feumaidh tu do chunntas ±«Óătv a cheangal ris an inneal gutha. Airson sin a dhĂšanamh, cliog air a’ phutan Seataidhean airson Skill a’ BhBC ann an app Alexa.

Mura bheil cunntas ±«Óătv agad, faodaidh tu clĂ radh airson fear – rud a tha luath is sĂŹmplidh. Feumaidh tu a bhith nas sine na 13 gus na cunntais a cheangal. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a bhios sinn a’ cumail d’ fhiosrachadh tĂšarainte, tadhail air .

Airson ‘s gun obraich Skill a’ BhBC, feumaidh cànan Alexa a bhith suidhichte aig Beurla (RA) seach Beurla (SA). Airson fiosrachadh nas mionaidiche mu bhith stùidheachadh skills, rach gu duilleag air Amazon.

Taic le bhith a’ cleachdadh  Skill a’ BhBC

Nuair a tha thu a’ cleachdadh Skill a’ BhBC, ‘s urrainn rian a chumail air na stuthan ris a bheil thu ag Ăšisteachd le stiĂčireadh guth. The e cho sĂŹmplidh sin.

Airson an skill a thĂČiseachadh, can “Alexa, open the ±«Óătv”.

Gus do chuideachadh tĂČiseachadh air an seo, thĂšid faighneachd dhut dĂš an stĂšisean rĂšidio, prĂČgram no podcast a chĂČrdadh e riut a chluinntinn nuair a thĂšid thu gu Skill a’ BhBC airson a’ chiad uair. Neo, airson faighinn gu na rudan as fheĂ rr sa bhad, can “Alexa, ask ±«Óătv to play [stĂšisean rĂšidio, prĂČgram no podcast]”.

Duilgheadasan le bhith a’ cluich phrĂČgraman ±«Óătv air innealan Amazon Echo

Tha sinn mothachail gu bheil duilgheadasan aig cuid den luchd-cleachdaidh le bhith a’ cluich stĂšiseanan agus prĂČgraman ±«Óătv air innealan Amazon Echo. Mar eisimpleir, uaireannan chan fhaighear lorg air stĂšisean no prĂČgram, uaireannan cha chluich iad, neo bidh an ceangal a’ fĂ ilneachadh.

Tha sinn a’ toirt sĂčil air an seo cuide ri Amazon. Aig an ĂŹre seo, faodar na leanas fheuchainn:

  • An toiseach, dĂšan cinnteach gu bheil seataidhean cĂ nain Alexa suidhichte aig Beurla (RA).  
  • Cuideachd, is fhiach dearbhadh gu bheil d’ inneal a’ cleachdadh ma bathar bog as Ăčire.  

NĂŹ sinn Ăčrachadh air an fhiosrachadh seo nuair a tha stiĂčireadh eile againn.

Change language: