tv

Mar a chlàras tu airson cunntas chloinne

Air ùrachadh: 26 An Dàmhair 2022

Mas e pàiste, pàrant no neach-cùraim a th’ annad, dearbh nach eil thu air logadh a-steach gu cunntas tv mar-thà air an t-inneal a tha thu a’ cleachdadh.

Mar a dhearbhas tu a bheil thu air logadh a-steach mar-thà

1. Thoir sùil air mullach na duilleig. Am faic thu “Do Chunntas” no ainm taisbeanaichte ri taobh suaicheantas a’ BhBC? Tha sin a’ ciallachadh gu bheil thu air logadh a-steach gu cunntas tv eile.

2. Cliog air “Do Chunntas” no ainm taisbeanaichte.

3. Air an ath dhuilleig, cliog air “Log a-mach”. Ma tha thu air mobile ‘s dòcha gum bi agad ri cliogadh air “Clàr” an toiseach.

An uair sin, clàraich airson cunntas chloinne

An dèidh dhut logadh a-mach à cunntasan tv eile, faodaidh tu clàradh airson cunntas chloinne. Seo mar a nì thu sin:

1. Air làrach tv sam bith, cliog air “Log a-steach” aig bàrr na duilleig. Lorgaidh tu e faisg air suaicheantas a’ BhBC.

2. Air an ath sgrion, cliog air “Clàraich a-nis”.

3. An uair sin lean an stiùireadh air an sgrion airson d’ fhiosrachadh fhèin a chur ris.

4. Ma tha thu fo aois 13, feumaidh tu iarraidh air pàrant no neach-cùraim cunntas tv a chruthachadh dhut. Feumaidh tu ainm-cleachdaidh agus facal-faire a thaghadh. Cùm cuimhne orra. Ma dhìochuimhnicheas tu d’ fhacal-faire, cha tèid agad air ùrachadh. Tha sin a’ ciallachadh gu feum thu iarraidh air pàrant no neach-cùraim cunntas ùr a chruthachadh.

A’ toirt smachd do phàrantan

An dèidh dhaibh clàradh airson cunntas tv, feumaidh clann fo aois 13 cead bho phàrant no neach-cùraim mus urrainn dhaibh:

  • Beachdan a chur air làraich-lìn chloinne a’ BhBC
  • Molaidhean pearsaichte fhaighinn agus an comas leantainn orra a’ coimhead phrògraman far an do stad iad
  • Brathan fhaighinn mu rudan is toigh leotha
  • Stuthan a luchdachadh suas airson farpaisean, geamaichean agus eile.

Faigh tuilleadh fiosrachaidh mu cheadan chloinne an seo.

Change language: