tv

Mar a dhubhas tu às do chunntas

Air ùrachadh: 19 Am Faoilleach 2018

Cuimhnich, ma dhubhas tu às do chunntas, caillidh tu a h-uile càil a bh’ agad ann. Ma tha thu cinnteach, seo mar nithear e...

1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach dhan chunntas tv agad.

2. An uairsin, air làrach tv sam bith, brùth air ìomhaigh “Do chunntas” aig bàrr na duilleig. (Ma tha ainm taisbeanaichte agad, bidh sin ri fhaicinn, agus chan e “Do chunntas”). Tha e ri lorg sa bhàr lorgaidh, faisg air bar seòlaidh do bhrobhsair.

3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.

4. Anns an earrainn “Dubh às do chunntas”, brùth air “Tha mi airson mo chunntas a dhubhadh às”. Feumaidh tu d’ fhacal-faire a chur a-steach gus am bi dearbhadh againn gur tu da-rìreabh a th’ ann.

5. Air an ath dhuilleig, brùth air “Dubh às mo chunntas” agus sin e dèante. Bidh sinn duilich d’ fhaicinn a’ falbh.

Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?

Feumaidh tu ùrachadh. Faic mar a nì thu seo ann an “Tha duilgheadas agam le m’ fhacal-faire”.

Ma tha thu fo 13 agus air d' fhacal-faire a dhìochuimhneachadh, gu mì-fhortanach cha tèid agad air faighinn a-steach gud chunntas no a dhubhadh às. Duilich mun sin.

Ma tha cunntas ùr a dhìth ort, feumaidh tu clàradh airson fear ùr.

Dhubh mi às mo chunntas le mearachd. Dè nì mi?

Ma dhubhas tu às do chunntas, caillidh tu na bh’ ann agus gu mì-fhortanach, cha till cunntasan a dh’fhalbh. Tha seo ri linn tèarainteachd agus airson d’ fhiosrachadh pearsanta a chumail dìomhair.

Ma dhubh thu às do chunntas le mearachd, no ma tha thu air d’ inntinn atharrachadh, feumaidh tu clàradh as ùr. Gheibh thu taic le bhith a’ clàradh a-rithist an seo.

Change language: