±«Óătv

Ciamar a chruthaicheas mi ainm taisbeanaichte?

Air Ăąrachadh: 14 DĂ mhair 2022

Thèid iarraidh ort ainm taisbeanaichte a chruthachadh ma tha thu airson rudeigin poblach a dhèanamh air lĂ rach no app ±«Óătv (mar eisimpleir, beachd fhĂ gail air sgeulachd ±«Óătv Naidheachdan). Neo airson logadh a-steach gu iPlayer tron TBh agad.

Gus d’ ainm taisbeanaichte a chruthachadh:

1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.

2. An uair sin, air lĂ rach ±«Óătv sam bith, cliog air ìomhaigh “Do chunntas” aig bĂ rr na duilleig. Tha e ri lorg sa bhĂ r lorgaidh, faisg air bĂ r seòlaidh do bhrobhsair.

3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.

4. Air sgrion “Fiosrachadh pearsanta”, lorg “Ainm taisbeanaichte”. Mura bheil thu air ainm taisbeanaichte a thaghadh roimhe, canaidh e “Neo-dhearbhte” gu h-ìosal. (Ach ma tha, chì thu na sei e agus cha bhi agad ri cĂ il eile a dhèanamh.) Cliog air “Cuir ri” air an lĂ imh dheis.

5. Air an ath dhuilleig, brĂąth “Deasaich” ri taobh d’ ainm taisbeanaichte agus cuir ainm Ăąr a-steach an sin. An uair sin, brĂąth “SĂ bhail agus lean ort”.

6. Thèid iarraidh ort an uair sin do sheòladh post-d / ainm-cleachdadh agus d’ fhacal-faire a dhearbhadh, gus dearbhadh gur tu dha-rìribh a th’ ann.

Cuimhnich, feumaidh clann a tha fo aois 13 an t-ainm taisbeanaichte aca a dhearbhadh le pàrant no neach cùraim mus tèid a chleachdadh. Faigh a-mach tuilleadh mu ar ceadan chloinne an seo, no leugh Dè an t-eadar-dhealachadh a tha eadar ainm-cleachdaidh agus ainm taisbeanaichte?

Change language: