tv

Ciamar a dh’atharraicheas mi mo chòd puist?

Air ùrachadh: 6 An t-Ògmhios 2017

1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach gud chunntas tv.

2. An uairsin, air làrach tv sam bith, faodar cliogadh air iomhaigh “Do chunntas” aig mullach na duilleig (ma tha ainm taisbeanaichte agad, nochdaidh sin an àite “Do chunntas”). Tha seo sa bhàr stiùiridh ri taobh suaicheantas a’ BhBC.

3. Tagh “Seataidhean” sa chlàr cunntais. Ma tha thu a’ dèanamh seo air coimputair, thèid do stiùireadh gu d’ fhiosrachadh pearsanta - seachain an ath cheum agus rach gu 5.

4. Ma tha thu air fòn-làimhe, feumaidh tu cliogadh air "Fiosrachadh pearsanta".

5. Nuair a tha thu san earrann "Fiosrachadh pearsanta", cliog air "Deasaich" ri taobh do chòd puist.

6. Air an ath dhuilleig, cuir a-steach do chòd puist ùr. Ma dh’fheumas tu do dhùthaich atharrachadh gu àite taobh a-muigh na RA, faodar sin a dhèanamh an seo cuideachd.

7. An uairsin cliog air "Sàbhail is lean ort".

Change language: