tv

Cuir ris air a’ BhBC

Air ùrachadh: 14 An Dàmhair 2022

’S e deagh dhòigh a th’ ann an “cuir ris” cuimhne a chumail air rudan gu àm eile agus faighinn dìreach chun nan stuthan a tha cudromach dhut.

Uaireannan cleachdaidh sinn na rudan a chur thu ris airson stuthan eile a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdadh riut a mholadh dhut. Agus uaireannan, cuiridh sinn brathan thugad mun deidhinn, mar eisimpleir mu phrògram ùr ann an sreath a tha thu air a chur ris. Mas fheàrr leat, faodaidh tu stad a chur air brathan an seo.

Gu h-àbhaisteach feumaidh tu a bhith air logadh a-steach airson rudan a chur ris. Tha seo gus an cùm sinn cuimhne air a h-uile dad a chur thu ris agus gu faigh thu thuige air inneal sam bith.

Ciamar a chuireas mi rudan ris?

Faodaidh tu cuir ri rud sam bith aig a bheil putan “Cuir ris” ri thaobh. Nam measg tha:

  • Prògraman telebhisean is rèidio
  • Criomagan fuaim agus bhidio
  • Cuspairean a tha sna naidheachdan (ann an app tv Naidheachdan a-mhàin)
  • Cuspairean spòrs
  • Reasabaidhean

Faodaidh tu na thogras tu a chur ris ach a-mhàin ann an app tv Naidheachdan far nach eil ach suas ri 10 cuspairean ceadaichte. Duilich mun sin.

Ciamar a chì mi no a bheir mi air falbh rudan a chur mi ris?

Tha an earrannan fhèin aig roinnean eadar-dhealaichte dhen BhBC airson na rudan a tha thu air a chur ris. Mar eisimpleir, ann an iPlayer tha iad air an cuir ris an earrann Mo Phrògraman. Ann am tv Sport tha iad air an cuir ri My Sport

Anns gach earrann, gheibh thu air rudan a tha air a chur ris a thoirt air falbh. Dìreach cuimhnich ma bheir thu rud air falbh, cuiridh sin stad air molaidhean agus brathan buntainneach.

Chan fhaigh mi lorg air na rudan a chur mi ris.

Dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach. Mur a nochd iad an uairsin, dh’fhaodadh sin a bhith ciallachadh gun do chuir thu iad ris aig àm nuair nach robh thu air logadh a-steach.

Ciamar a sgaoileas mi na rudan a chur mi ris?

Faodaidh tu rudan a sgaoileadh a’ cleachdadh a’ phutain Sgaoil.

Am faic mi dè tha daoine eile air a chur ris?

Chan fhaic. Tha fiosrachadh mu na thathas a’ cur ris dìomhair. Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu phrìobhaideachd an seo.

Change language: