Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Mark Mac a' Ghobhainn 's Rae NicIomhair

Tha am film Barbie a' nochdadh dĂ  thuras ann an Sgoinneil/Sgrathail/SĂ bhailte aig Mark 's Rae an t-seachdain seo. The Barbie movie appears twice in Mark and Rae's discussion.

Prògram loma-làn còmhraidh, ceòl agus spòrs gu leòr còmhla ri Rae NicIomhair agus Mark Mac a' Ghobhainn. Am measg na th' aca dhuibh a-nochd, cluinnidh sibh mar a chaidh dhan sgioba aig Under Canvas ann an Inbhir Nis nuair a bha Cala is Anna Mhàrtainn is Ingrid NicEanruig a' cluich.

Bidh iad a' bruidhinn air na rudan a chòrd agus nach do chòrd riutha an t-seachdain seo - agus tha am film Barbie a' nochdadh dà thuras an t-seachdain seo.

Bidh geama no dhà aca tron phrògram, nam measg - dè a b' fhearr leat - agus a' cheist a th' aca a-nochd - comas a bhith a' còcaireachd biadh sam bith gun reasabaidh neo pìos ciùil no òran a chluich gun ceòl sgrìobhte?

Bidh ceòl gu leòr aca dhuibh cuideachd bho Kim Carnie, Low Light Listening Lounge, Cian Ducrot agus an t-uabhas eile.

Cuir fios thugainn uair sam bith - cruinn@bbc.co.uk.

2 hours

Last on

Mon 7 Aug 2023 19:00

Broadcast

  • Mon 7 Aug 2023 19:00