Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuairt shamhraidh an luchd-siubhail

Easaidh StiĂąbhart, te den luchd-siubhail mu dheireadh, a' gabhail a' rathaid a bhiodh aca. Essie Stewart, one of the last Highland travelling people, takes us on their summer route.

Bha an dithis a tha dhar toirt cuairt a' rathaid a seo ann an 2007 a' comharrachadh gu robh iad an ceithir fichead na bu tràithe am-bliadhna - Easaidh Stiùbhart agus Aonghas Dubh MacNeacail. 'S e turas toilicht' agus cianail a th' ann, a tha a' dùsgadh iomadach cuimhneachan agus a tha ag innse uiread mun dòigh-beatha bheartach a bh' aig luchd-siubhail, a' leantainn ràithean na bliadhna, a' sealltainn cho làidir agus a bha am fèin-aithne.

Buinidh Easaidh do theaghlach luchd-siubhail à Cataibh agus gach samhradh còmhla ri mathair, Màiri, agus a seanar, Ali Dall Stiùbhart, a choisinn fìor chliù mar sgeulaiche Gàidhlig, shiubhaladh iad suas ri còig cheud mìle tro na glinn agus mu chuairt nan cladaichean an Cataibh a' leantainn na h-eich is a' chairt. Tha Easaidh a' smaoineachadh gur ann ann an 1978 a rinn duine a bhuineadh dhi an turas mu dheireadh.

A seo tha i fhèin agus Aonghas a' tòiseachadh sa Luirg, far a robh taigh aca 's far a robh iad a' fuireach fad a' gheamhraidh.

30 minutes

Last on

Sun 18 Sep 2022 10:00

Broadcasts

  • Wed 14 Sep 2022 20:00
  • Sun 18 Sep 2022 10:00