Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 5

Allan and Lewis are preparing to cater for the EDF festival, one of Benbecula's biggest events.

Tha còrr agus deich thar fhichead bliadhna bho chuir bràithrean Ailean agus Eòghainn MacIlleathain taigh-fuine air bhonn ann am Beinn na Faoghla. Thairis air na bliadhnaichean tha iad air biadh a dheasachadh airson iomadach tachartas air feadh Uibhist, beag agus mòr. Gach là, tha a h-uile seòrsa cèic, bonnach, briosgaid agus aran air an sgaoileadh air feadh nan Eilean Siar, ach cuideachd air feadh Alba.

Tha taigh-bìdh trang am measg nan seirbheisean a tha iad a’ tabhainn agus tha bhan bìdh aca cuideachd a bhios a’ toirt biadh teth gu tachartasan air feadh nan Eilean Siar, ach ciamar a tha an sgioba teaghlaich a’ cumail smachd air na tha sin aig an aon àm?

An t-seachdain seo, tha Ailean agus Lewis a’ deasachadh airson Fèis EDF aon de na tachartasan as motha ann am Beinn na Faoghla. Tha an fhèis a’ tachairt thairis air dà là an teis-meadhan an t-samhraidh agus tha dùil aca ri na mìltean dhaoine. Cuideachd, ’s e sèasan nam bainnsean a th’ ann agus sgioba MhicIlleathain ag ullachadh airson banais Rebekah agus Jamie MacDhòmhnaill ann an Talla Bhaile a’ Mhanaich.

Brothers Allan and Ewen Maclean opened a bakery in Benbecula over 30 years ago. Throughout the decades they have prepared food for many large and small scale events in Uist. Each day, they send every type of cake, oatcake, biscuit and bread all over the Western Isles, but also to every corner of Scotland.

Amongst the services they provide is a busy restaurant as well as a trailer which delivers hot food to events all over the islands, but how do the family team manage to juggle everything?

This week, Allan and Lewis are preparing to cater for the EDF festival, one of Benbecula's biggest events. This festival takes place across two days in the middle of summer and expects to attract thousands of people. The Macleans are also making preparations for the wedding of Rebekah and Jamie MacDonald in Balivanaich Hall.

In Gaelic with English subtitles

29 minutes

Credits

Role Contributor
Narrator Calum Macaulay
Director Neil Campbell
Executive Producer Seumas Mactaggart
Executive Producer Margaret Mary Murray

Broadcasts