Main content

Rhubarb Cobbler

Prògram 7 de 12

Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ dèanamh mìlseag le rùbarab. Linda Macleod is joined by Cara and Calvin to make a delicious rhubarb pudding.

Tha Linda NicLeòid a’ còcaireachd cuide ri a caraidean. An-diugh tha Cara agus Calvin ga cuideachadh a’ dèanamh mìlseag bhlasta le rùbarab. Ach mus tòisich iad, feumaidh iad a bhith cinnteach gu bheil na stuthan a tha a dhìth orra a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn. Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach cò às a tha siùcar a’ tighinn. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson a’ mhìlseag a dhèanamh mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd ga ithe.

Linda Macleod is joined by Cara and Calvin to make a delicious rhubarb pudding. Before they start, they have to ensure they have all the ingredients they need. If not, they make a list and go shopping. They also learn more about where sugar comes from and then it’s back to the kitchen to make the rhubarb pudding, before sitting down to tuck in.

Air a chraoladh

Last DiCiadain 17:00

Coblair Rùbrab

Coblair Rùbrab

Coblair Rùbrab

Airson 4 neach

³§°Õ±«°Õ±á´¡±·Ìý
4 spàinean mòra siucar donn 
5 spàinean mòra coirce
3 spàinean mòra bainne
200g rùbrab air a ghearradh na phìosan 1cm
3 spàinean mòra sùgh orains
1 spàin bheag siùcar demeràra

Ro-theasaich an àmhainn gu 180C/350F/gas 4 

Ann am bobhla measgaich 1 spàin mhòr dhen t-siùcair, an coirce agus am bainne còmhla  le spàin, gus am bi taois thiugh agad. 

Cuir an rùbrab, an sùgh orains, agus an còrr dhen t-siùcair ann am bonn soitheach-fuine agus measgaich le spàin. 

Sgap am measgachadh coirce air muin seo agus crath an siùcar demeràra thairis air. 

Cuir an coblair dhan àmhainn airson 20-25 mionaidean gus am bi an coblair a’ bolgadh agus òr-dhonn air a’ mhullach.

Rhubarb Cobbler

Serves 4

INGREDIENTS
4 tbsp light brown sugar 
5 tbsp porridge oats
3 tbsp milk 
200g/7oz rhubarb, sliced into 1cm/ ½in pieces
3 tbsp orange juice 
1 tsp demerara sugar

METHOD
Preheat an oven to 180C/350F/gas 4.

Stir one tablespoon of the brown sugar, the oats and milk together in a mixing bowl to form a thick paste. 

Put the rhubarb, orange juice and remaining brown sugar into the bottom of a baking dish and stir together. 

Dollop the oat mixture over the top and sprinkle over the demerara sugar. 
Bake the cobbler for 20-25 minutes or until bubbling and golden-brown on top.

Role Contributor
Presenter Linda MacLeod
Producer Donald Macleod
Production Manager Mairi Mackinnon

Featured in...