Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh

Seirbheis cĂČmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh.
Gaelic service with Rev Iain Smith, minister Free Church (Continuing) Harris.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 139: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an DĂčn Èideann.
Salm 42: 1-2 air fonn Glencairn agus ‘s e Coinneach M MacLeĂČid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an SteĂČrnabhagh.
Salm 91: 15-16 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Seumas Gracie a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.

Leughadh: Eabhraidhich 1: 1-14 & 2: 1-3
Ceann-teagaisg Eabhraidhich 1

Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhĂčidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pĂČsta le dithis mhac. Chaidh a phĂČsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stĂšidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais ChlĂšireach cheann a deas na dĂčthcha. Thill e air ais dhan dĂčthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phĂČsadh ris a' choitheanal sa ChĂšitean 2016.

30 minutes

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

Broadcasts

  • Sun 13 Jan 2019 09:00
  • Sun 13 Jan 2019 15:00
  • Sun 14 Jul 2019 09:00
  • Sun 14 Jul 2019 15:00