Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fishcakes

Prògram 2 de 12

Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ dèanamh bonnaich-èisg bhlasta. Linda and her friends make tasty fishcakes.

Sreath ùr anns a bheil Linda NicLeòid a’ còcaireachd cuide ri a caraidean. An-diugh tha i fhèin, Hannah agus Ailig a’ deasachadh bonnaich-èisg bhlasta le buntàta agus bradan a th’ air a smocadh. Ach mus tòisich iad a’ còcaireachd, feumaidh iad dèanamh cinnteach gu bheil na tha dhìth aca a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn.

Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach mu bhuntàta agus cò às a tha iad a’ tighinn. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson na bonnaich-èisg a dhèanamh ‘s am bruich mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd gan ithe!

Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach cò às a tha coirce Innseanach a’ tighinn. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson an sailead ullachadh mas suidh iad sìos aig a’ bhòrd airson ithe!

Linda Macleod and friends cook a number of tasty dishes. In this episode, they make fishcakes with smoked salmon and potatoes. But before they can begin to cook, they must be sure they have the correct ingredients, making a list of what is missing and heading off to the shops.

They also find out more about where potatoes come from, then it’s back into the kitchen to make the fishcakes before sitting down at the table and tucking in!

Air a chraoladh

DiC 7 Lùna 2024 17:00

µþ´Ç²Ô²Ô²¹¾±³¦³ó-è¾±²õ²µ

µþ´Ç²Ô²Ô²¹¾±³¦³ó-è¾±²õ²µ

µþ´Ç²Ô²Ô²¹¾±³¦³ó-è¾±²õ²µ

AIRSON 2 (4 µþ´Ç²Ô²Ô²¹¾±³¦³ó-è¾±²õ²µ)

STUTHAN
50g buntàta bruich air a phrannadh
150g bradan air a smocadh, no iasg bruich eile a-rèir do thoil 
Criomagan-arain
Salann
Piobar
1 spàin mhòr sabhs tomàto
1 ugh
°¿±ô²¹Ìý

Ro-theasaich an àmhainn gu 220C/425F/Gas 7. 

Cuir am buntàta agus an t-iasg ann am bobhla.  Measgaich còmhla le forca.

An uairsin measgaich a-steach an sabhs tomàto.

Bris an t-ugh ann an soitheach le salann agus piobar agus buail e.

Sgap na criomagan-arain air truinnsear. 

Dèan ceithir bonnaich den mheasgachadh le do làmhan.  

Bog gach bonnach-èisg anns an ugh gus am bi iad còmhdaichte agus còmhdaich an uairsin le criomagan-arain.   

Cuir na bonnaich air treidhe-fuine nach steig agus cuir beagan ola orra.   

Cuir na bonnaich dhan àmhainn airson 15-20 mionaidean  gus am bi iad òr-dhonn. Faodar an tionndadh mu letheach slighe. Leig leotha fuarachadh beagan mas tèid an ithe.

Fishcakes

SERVES 2 (Mix for 4 Fishcakes)

INGREDIENTS
50g cooked mashed potato
150g hot-smoked salmon or cooked white fish
Breadcrumbs
Salt
Pepper
1 tablespoon of tomato ketchup
1 egg
Oil

Preheat the oven to 220C/425F/Gas 7

Put the potato and the fish into a bowl and mix with a fork.

Using a fork, mix in tomato ketchup.

Break the egg into a bowl, adding salt and pepper, and beat with a fork. 

Spread breadcrumbs onto a tray.

Wet your hands and carefully shape four cakes.

Coat the cakes in egg and then cover them in breadcrumbs. Drizzle with oil. 

Cook in the oven for 15-20 mins  until golden brown - turning over half-way during cooking if required. 

Role Contributor
Presenter Linda MacLeod
Executive Producer Una MacDonald
Producer Donald Macleod
Production Manager Mairi Mackinnon