Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 216

Adhbhar dòchais aig feachdan nan Co-chòmhraigeach aig toiseach na Sultaine 1918. Grounds for optimism among the Allied forces this past week in 1918.

Bha adhbhar aig feachdan nan Co-chòmhraigeach a bhith dòchasach air an 7mh den t-Sultain 1918 mar a dh'innseas Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn. Bha saighdearan Breatannach is Frangach an tòir air na Gearmailtich a bha a' teiche a dh'ionnsaigh Loidhne Hindenburg. Chaidh innse gun deach còrr air 19,000 prìosanach Gearmailteach a ghlacadh air an t-seachdain a chaidh, agus gu robh na Co-chòmhragaich air còrr air 150,000 prìosanach a ghlacadh bhon 18mh den Iuchar. Air an 9mh den t-Sultain bhuannaich feachdan Breatannach talamh àrd eadar Havrincourt agus Gouzeaucourt. Bha iad a-nis a' coimhead thairis air Loidhne Hindenburg 's cha robh feachdan Frangach ach ceithir mìle bho St Quentin.

10 minutes

Last on

Fri 14 Sep 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 13 Sep 2018 21:03
  • Fri 14 Sep 2018 11:50