Main content

An Litir Bheag 689

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir Bheag na seachdain sa. Litir àireamh 689.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 29 Jul 2018 10:30

Clip

An Litir Bheag 689

An t-seachdain sa chaidh rinn mi aithris air Fearchar a’ Ghunna. Rugadh e ann an Srath Chonain ann an Siorrachd Rois. Thogadh e air croit agus cha robh foghlam sgoile aige. Ach bha sgoil aige ann an sealg agus cùiltearachd. Bha e math orra sin!

            ʼS e fear beag a bha ann, le falt fada. Thug tuathanach sgleog dha na cheann le spaid nuair a bha e òg. Bha laigse inntinn aig Fearchar bhon latha sin a-mach.

            Bha Srath Chonain ainmeil airson obair na poite-duibhe agus airson cùiltearachd uisge-bheatha. Chuir an riaghaltas sguad de dh’oifigearan cìs-bhathair chun an t-sratha. Ach, oidhche a bha seo, chaidh an taigh aca a losgadh gu làr. Thàinig Fearchar fo amharas. Chaidh a cheasnachadh, ach cha do dh’aidich e càil. Goirid an dèidh sin, chaidh bràthair aige a mharbhadh ann an còmhstri le oifigearan riaghaltais. Bhon uair sin, bha taobh cruaidh aig Fearchar nach robh aige roimhe.

            Aig aois còig air fhichead, chuir Fearchar a chùl ri Srath Chonain. Thòisich e beatha ùr mar fhalbhanach. Bhiodh e a’ dol eadar an t-Eilean Dubh agus sgìre Poll an Ròid, faisg air Inbhir Nis. Bha muinntir an àite measail air. Rinn iad cinnteach gun robh biadh is tombaca aige.

            Bha e furasta Fearchar aithneachadh. Bha a chuid aodaich ioma-dhathach. Bha slabhraidhean, cnàmhan is itean thairis air. Bha gunna mòr aige, a bha e a’ giùlan leis. Bha sia baraillean air. Bha e mòr agus trom. Ach cha chreid mi gun robh e èifeachdach!

Bha càirdeas doirbh aig Fearchar le pearsaichean eaglais. Bha e a’ fuireach ann am bothan ceangailte ris a’ mhansa anns a’ Chaisteal Ruadh san Eilean Dubh. Bha am Ministear, Mgr MacRath, air tilleadh ann bho Ameireagaidh. Latha a bha seo, chuir Mgr MacRath a cheann a-steach air doras bothan Fhearchair. ‘’S ann agad a tha am fàileadh, Fhearchair,’ thuirt e.

            ‘Tha iad ag innse dhòmhsa,’ fhreagair Fearchar, ‘gu bheil cuinnleanan glan aig na fèidh, ach ʼs ann agads’ a bha na cuinnleanan glan nuair a fhuair thu fàileadh stìpean a’ Chaisteil Ruaidh ann an Ameireagaidh.’ Bha teanga bhiorach aig Fearchar a’ Ghunna!

The Little Letter 689

Last week I reported on Fearchar a’ Ghunna. He was born in Strathconon in Ross-shire. He was raised on a croft and he had no school education. But he was an expert on hunting and smuggling. He was good at them!

        He was a small man, with long hair. A farmer thumped him in the head with a spade when he was young. Farquhar had a mental weakness from that day on.

        Strathconon was famous for illegal whisky distilling and for whisky smuggling. The government sent a squad of excise officers to the strath. But, one night, their house was burned to the ground. Farquhar came under suspicion. He was questioned, but he didn’t admit anything. Shortly after that, a brother of his was killed in an altercation with government officers. Since then Farquhar had hard side he didn’t have before.

        At the age of twenty-five, Farquhar left Strathconon. He started a new life as a wanderer. He would go between the Black Isle and the area around the Beauly Firth, close to Inverness. The local people were fond of him. They made certain that he would have food and tobacco.

        It was easy to recognise Farquhar. His clothing was multicoloured. There were chains, bones and feathers over him. He had a big gun, that he was carrying with him. It had six barrels. It was big and heavy. But I don’t reckon it was effective!

        Farquhar had a difficult relationship with church figures. He was living in a bothy connected to the manse at Redcastle on the Black Isle. The minister, Mr MacRae, had returned there from America. One day, Mr MacRae stuck his head through the door of Farquhar’s bothy. ‘You smell terrible, Farquhar,’ he said.

        ‘They tell me,’ replied Farquhar, ‘that the deer have great nostrils, but that you had particularly good nostrils when you got the smell of the Redcastle stipend in America.’ Fearchar a’ Ghunna had a sharp tongue!

Broadcast

  • Sun 29 Jul 2018 10:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast