Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceitidh Anna NicChoinnich agus triĂąir aoighean a' tadhal air Taisbeanadh FhlĂąraichean Chelsea 2018. Katie Ann MacKenzie and three guests visit the RHS Chelsea Flower Show 2018.

Sa Chèitean, a h-uile bliadhna tha cruth-atharrachadh a' tighinn air làrach an Ospadail Rìoghail ann an Chelsea, a Lunnainn. 'S ann a seo a tha an Taisbeanadh Fhlùraichean 's cliùitich air an t-saoghal ga chumail. Tha còrr agus ceud bliadhna bho chaidh a stèidheachadh agus ann a mìos, thèid sia acaire fichead de thalamh gorm a thionndadh airson àite a dhèanamh do sheachd air fhichead gàrradh dha gach seòrsa. Ach cha tèid am-bliadhna ri linn a' choròna-bhìorais

Tha Taisbeanadh Fhlùraichean Chelsea a' comharrachadh toiseach an t-samhraidh agus a' tàladh còrr air 150,000 neach, a' Bhanrigh nam measg, còmhla ri iomadach duine uasal agus ainmeil eile.

Fhuair Ceitidh Anna NicCoinnich cothrom a dhol an luib Flùraichean Chelsea ann a 2018 còmhla ri triùir eileanach a tha air a bhith a' fuireach ann an Lunnainn fad bhliadhnaichean. Tha Donnchadh MacIllÌosa à Nis ann an Leòdhas air bhith na ghàirnealair ann an ceann a tuath Lunnainn còrr is leth-cheud bliadhna, cuide ris tha Norah NicLèoid, à Sgalpaigh aig a bheil ùidh mhòr ann an obair gàrraidh agus a tha air bhith a' fuireach ann an Lunnainn trì fichead bliadhna. Còmhla riutha cuideachd tha tè aig a bheil èolas farsaing air Chelsea agus an sgìre mun cuairt agus guth air a bheil sinn gu math èolach, Anna NicLeòid, a tha air a dachaigh a dhèanamh ann an Lunnainn fad seachd bliadhna deug.

1 minute

Last on

Mon 18 May 2020 09:30

Broadcasts

  • Thu 31 May 2018 12:00
  • Thu 31 May 2018 22:10
  • Sun 3 Jun 2018 09:30
  • Mon 18 May 2020 09:30