Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 181

Dàibhidh Lloyd-George agus Woodrow Wilson a' dèanamh òraidean chudromach. David Lloyd-George and Woodrow Wilson both make important speeches.

Air 5mh den Fhaoilleach 1918, thug am Prìomhaire Dàibhidh Lloyd-George òraid air amasan-cogaidh Bhreatainn do Chòmhdhail nan Aonaidhean Ciùird ann an Lunnainn. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè a bh' unnt' nuair a thug Lloyd-George seachad an òraid aig àm nuair a bha cuid ann am Breatainn a' fàs iomagaineach mun chogadh. Bha an riaghaltas ùr Boilsibheach san Ruis a' dèanamh sìth ris a' Ghearmailt is bha cuid dhen bheachd gum bu chòir do Bhreatainn an aon rud a dhèanamh.

Air 8mh den Fhaoilleach, thug an Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Woodrow Wilson, òraid seachad do Chòmhdhail nan Stàitean anns an do chuir e an cèill ceithir puingean deug mar bhunait airson crìoch a thoirt air a' chogadh agus gus dèanamh cinnteach gum biodh sìth air feadh an t-saoghail san àm ri teachd.

10 minutes

Last on

Fri 12 Jan 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 11 Jan 2018 21:00
  • Fri 12 Jan 2018 11:50