Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 110

Sabaid chruaidh aig High Wood agus ar-a-mach an aghaidh riaghladh Rìgh na Grèige. The events of WW1, including fierce fighting at High Wood and a Venizelist revolt in Salonika.

Bha Blàr an Somme, a thòisich aig toiseach an Iuchair, fhathast a' leantainn, leis an t-sabaid a bu chruaidhe aig an àm seo aig Coille Bois de Fourcaux, no 'High Wood' mar a bh' aig na Breatannaich oirre. Bha sabaid air a bhith dol airson greis san sgìre seo timcheall air coilltean eile leithid Mametz agus Delville.
Bha fìor dhroch shìde ann a bha fàgail nan trainnsichean làn uisge agus na rathaidean nam poll. A dh'aindeoin sin, thug Arm Breatainn ionnsaigh air taobh sear na Coille Àrd air oidhche 27mh den Lùnastal 1916 a' gluasad air adhart astar goirid air an ath latha.

Agus , mar a tha Gilleasbuig MAcDhòmhnail ag innse, air oidhche an 30mh, thòisich a' bhuidheann, Ethniki Amyna, ar-a-mach an aghaidh riaghladh Rìgh na Grèige ann an Salonika: bha seo an ainm a' Phrìomhaire Venezelos, ged nach robh e fhèin an làthair.

10 minutes

Last on

Fri 2 Sep 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 1 Sep 2016 21:00
  • Fri 2 Sep 2016 11:50