Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 107

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhĂČmhnaill. Gilleasbuig MacDonald presents events from World War I in the past week 100 years ago.

Tha Gilleasbuig an t-seachdain sa a' toirt a' chiad iomradh air leabahar-lĂ  te air am fĂ s sinn eĂČlach sna prĂČgraman - Iseabail Ros Ă s an Ath Leathann san Eilean SgĂŹtheanach - agus an iomradh mu dheireadh air Eoghainn MacArtair Ă  Cill Daltain an Ìle, air na dh'fhĂ s sinn cho eĂČlach, nuair a chaill e a bheatha Ă s dĂšidh dha a bhith air a leĂČn air a' Somme air an 16mh den LĂčnastal 1916.

Chaidh Iseabail Ros tron fhoghlam ann an Colaiste nan Leadaidhean an DĂčn Èideann agus fhuair i obair a' teagasg cĂČcaireachd ann an Sgoil Atholl Crescent. Goirid an dĂšidh dhan Chogadh tĂČiseachadh chaidh i dh'Ăšisteachd ri ĂČraid leis an Dotair Elsie Inglis a bha aig an Ă m a' sireadh bhoireannaich a rachadh gu ruige Serbia a dh'obair ann an Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach (Scottish Women's Hospital Unit), am buidheann a thĂČisich i fhĂšin. Chum Iseabail leabhar-lĂ  a chaidh fhoillseachadh fon ainm Little Grey Partridge an dĂšidh a bĂ s ann a 1965.

10 minutes

Last on

Fri 12 Aug 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 11 Aug 2016 21:00
  • Fri 12 Aug 2016 11:50