Main content

Tha Ruaraidh MacIlleathain ag innse sgeulachd mu shar-dhannsair, Ceit Mhòr na Sròine. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 13 Jul 2016 23:00

Clip

Litir 886: Ceit Mhòr na Sròine

Bu mhath leam seann stòiridh – seann eachraidh – aithris dhuibh anns an Litir seo. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna còig ceud deug is ceithir (1504). Tha e mu dheidhinn Ceit Mhòr na Sròine à Obar Gheallaidh ann am Bràigh Mhàrr. Tha an stòiridh a’ cur nar cuimhne cho cudromach ’s a bha danns do ar sinnsirean.

            Bha fear Iain MacDonnchaidh, am Baran Ruadh, a’ fuireach ann an Srath Loch ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt. Bha e a’ suirghe le tè de nigheanan a’ Ghòrdanaich, uachdaran Obar Gheallaidh. Gach turas a rachadh e a Chaisteal Obar Gheallaidh, bhiodh danns ann. Bha muinntir Mhàrr dhen bheachd gum b’ iad na dannsairean a b’ fheàrr ann an Alba.

            Aon oidhche a bha am Baran Ruadh ann, thuirt an Gòrdanach ris nach robh gin anns an domhan a bha na b’ fheàrr air danns na fir Mhàrr, ach a-mhàin na h-ainglean agus na sìthichean. Agus, thuirt e, gheibheadh am Baran Ruadh mar thochair – sin an tiodhlac-bainnse – rud sònraichte. Bhiodh fir à Màrr a’ dol a Shrath Àrdail airson sgilean dannsaidh a theagasg do na fir an sin.

            Cha robh am Baran Ruadh ro thoilichte a bhith ag èisteachd ri bòstadh a’ Ghòrdanaich. Nuair a thàinig latha na bainnse, cha tug e leis a cho-ogha mar fhleasgach, mar a bha dùil. Thug e na àite fear eile – Dòmhnall Biorach. B’ e coltas aodainn a bu choireach ris an fhar-ainm aige. Bha Dòmhnall ainmeil mar an dannsair a b’ fheàrr ann an Athall. Ged a bha e air meadhan-aois’ a ruigsinn, cha robh e pòsta.

            An dèidh na bainnse, thòisich an danns ann an talla mhòr a’ chaisteil. Chùm Dòmhnall sàmhach greis. Bha e dìreach a’ coimhead air na boireannaich a bha a’ dannsadh. Roghnaich e an tè a b’ fheàrr – banarach mhòr àrd a bha làidir is fèitheach. Bha sròn mhòr oirre. Bha i aithnichte do dhaoine mar Cheit Mhòr na Sròine. Coltach ri Dòmhnall, cha robh i pòsta.

            Dh’ iarr Dòmhnall air Ceit a dhol a dhannsadh leis. Abair gur e cupall math a bh’ annta. Bha iad a’ gluasad gu sgiobalta, gleusta timcheall ùrlar an dannsaidh. Mhothaich a h-uile duine cho math ’s bha iad air dannsadh còmhla. Bha cuid ag ràdh nach fhaca iad a-riamh dannsadh cho math. Thionndaidh an Gòrdanach ri a bhean agus thuirt e, ‘B’ fheàrr leam na mo chrò ghobhar, gum b’ e am fleasgach fear na bainnse’.

            ’S dòcha gu bheil e math nach cuala am Baran Ruadh sin! Bha esan toilichte leis mar a bha cùisean a’ dol. Ach cha b’ ionann e do chuid de dh’fhir Mhàrr. Bha iadsan feargach. Chuir iad romhpa an car a thoirt à Dòmhnall Biorach. Bha fear mòr à Màrr agus Dòmhnall le chèile a’ dannsadh ruidhle. Bha na fir a’ tionndadh a chèile len gàirdeanan. Chuir am fear mòr Dòmhnall timcheall gu luath agus gu h-obann leig e dheth e. Chaidh Dòmhnall a thilgeil don teine. Thuirt am fear eile, ‘Bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad!’

            Cha do sheall Dòmhnall idir gun robh fearg air. Leum a-steach don t-seat a-rithist. Bha e a’ dol le ruitheam a’ chiùil agus an dannsa mar nach robh dad air tachairt. Agus dè thachair an uair sin? Uill, innsidh mi sin dhuibh an-ath-sheachdain!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Iain MacDonnchaidh: John MacDonald; am Baran Ruadh: the Red Baron; tochair: dowry; biorach: sharp; Athall: ´¡³Ù³ó´Ç±ô±ô.ÌýÌý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Obar Gheallaidh ann am Bràigh Mhàrr: Abergeldie in the Braes of Mar; Srath Loch ann an Srath Àrdail: Straloch in Strathardle; a’ suirghe le tè de nigheanan a’ Ghòrdanaich: courting one of Gordon’s daughters; gach turas a rachadh e a Chaisteal Obar Gheallaidh, bhiodh danns ann: every time he’d go to Abergeldie Castle, there would be a dance; nach robh gin anns an domhan a bha na b’ fheàrr air danns na fir Mhàrr: that there were no better dancers in the world than the men of Mar; airson sgilean dannsaidh a theagasg: to teach dancing skills; bòstadh a’ Ghòrdanaich: the Gordon’s boasting; cha tug e leis a cho-ogha mar fhleasgach, mar a bha dùil: he didn’t take his cousin as best-man, as had been expected; b’ e coltas aodainn a bu choireach ris an fhar-ainm aige: it was his facial appearance that was responsible for his nickname; ged a bha e air meadhan-aois’ a ruigsinn, cha robh e pòsta: although he had reached middle age, he wasn’t married; chùm Dòmhnall sàmhach greis: Donald remained quiet for a while; roghnaich e an tè a b’ fheàrr: he chose the best one; banarach mhòr àrd a bha làidir is fèitheach: a large tall milkmaid who was strong and muscular; a’ gluasad gu sgiobalta, gleusta timcheall ùrlar an dannsaidh: moving nimbly and skilfully around the dance floor; b’ fheàrr leam na mo chrò ghobhar, gum b’ e am fleasgach fear na bainnse: I would prefer to my goat-fold that the best-man were the bridegroom; cha b’ ionann e do chuid: that wasn’t the same for some; chuir iad romhpa an car a thoirt à: they decided to play a trick on; a’ tionndadh a chèile len gàirdeanan: turning each other with their arms; bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad: black men of Strathardle, I’d shake them in the fire ash.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: a’ cur nar cuimhne cho cudromach ’s a bha danns do ar sinnsirean: reminds us how important dance was to our ancestors. Nar is created from ann an + ar so the following noun follows the lenition rules of the possessive adjective ie a’ cur nam chuimhne ‘reminds me’,…nad chuimhne ‘you’ (sing), …na chuimhne ‘h¾±³¾â€™, …na cuimhne ‘her’, …nur cuimhne ‘you’ (pl), …nan cuimhne ‘t³ó±ð¾±°ù’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha i aithnichte do dhaoine mar Cheit Mhòr na Sròine: she was known to [recognized by] people as Big Kate of the Nose.

Broadcasts

  • Sun 10 Jul 2016 22:30
  • Wed 13 Jul 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast