Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na Meadhanan Sòisealta/Social Media

Episode 10 of 18

Sùil air saoghal caochlaideach air-loidhne agus mar a tha e na meadhanan sòisealta a' toirt buaidh air ur saoghal. A look at the impact of social media on people's lives.

Tha na Meadhanan Sòisealta aig teas meadhan beatha mòran againn san là an diugh. Cha tèid là seachad gun chluinntinn "Am faca tu sin air Facebook...", no "Leugh mi air Twitter", no gun cuideigin fhaicinn a' togail fèineag, son a chur cuiridh mi geall air Instagram no Snapchat. Sealladh air an t-saoghal ùr iongantach seo agus sinn a' meòrachadh air cò a tha ga chleachdadh agus carson?

Am measg an fheadhainn ris na choinnich sinn - Naomi Bochanan, a tha 23 agus mar a dh'aidicheas i fhèin a th'air a bheò-ghlacadh le saoghal na meadhanan sòisealta, agus an neach-èibhinn agus leasaiche-lìon Albannaich, Brian 'Limmy' Limond, a dh' innseas mar a chumas e an 256,900 neach-leantainn aige air-loidhne air an dòigh. Coinnichidh sinn cuideachd ris an sgioba air cùl na farpais Ghàidhlig film ghoirid, FilmG a tha a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta airson ceangal a dhèanamh leis an t-sluagh air a bheil iad ag amas.

Dhan t-seinneadadair Gàidhlig, Cathy Ann Nic a' Phì, a tha à Barraigh bho thùs ach a tha a-nise a' fuireach ann an Canada, 's e Facebook an dòigh as fheàrr a bhith a' cumail suas ri càirdean agus teaghlach air ais air an eilean. Cluinnidh sinn cuideachd mar a thachair dha Alana NicAoghnais, aon de na nigheanan a bh' air cùl an tachartais iongantach air an eadar-lion - #thedress.

Na Meadhanan Sòisealta - sùil air saoghal caochlaideach air-loidhne agus mar a tha e a' toirt buaidh air ur saoghal.

Social media has become a major part of many of our lives in the modern era. You can't make it through a day without hearing 'did you see on Facebook...' or 'I read on Twitter', or seeing someone taking a selfie, no doubt to post on Instagram or Snapchat. We take a snapshot in time of this brave new world and explore who uses it and why.

Amongst those we meet are Naomi Buchanan, a 23-year-old self-confessed social media addict, and Scottish comedian and web developer Brian 'Limmy' Limond, who talks about how he entertains his 256.9k online followers. We also meet the team behind the Gaelic short film competition FilmG, who use Social Media to connect with their target audience.

Gaelic singer Cathy Ann MacPhee, originally from Barra but now living in Canada, finds that Facebook is now her easiest way to communicate with her family and friends back on the island, and Alana MacInnes, one of the girls behind the internet phenomenon #thedress, reflects on her whirlwind experience.

1 hour