Main content

07/03/2016

Anns an litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain tha sinn a' cluintinn mun facal casach, 's mar a thathas ga chleachdadh ann an iomadach dòigh. A letter for learners.

Available now

4 minutes

Last on

Mon 7 Mar 2016 19:00

Clip

An Litir Bheag 565

Dè a’ Ghàidhlig a tha air ‘white-legged’ no ‘white-footed’? Uill, seo agaibh dòigh air sin a ràdh – geal-chasach no geala-chasach. Mar Albannach air an tràigh san Spàinnt aig toiseach an t-samhraidh – geal-chasach!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha ainm-àite ann an sgìre Thoirbheartain ann an Ros an Iar – am Badan Geala-chasach. Fhuair an t-àite sin ainm bho na craobhan-beithe a tha a’ fàs ann. Tha iad geal aig a’ bhonn. Tha iad geal-chasach.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a’ cleachdadh an fhacail ‘geal’ ann an diofar dhòighean anns a’ bhàrdachd aige. Seo eisimpleir às an dàn aige ‘Beinn Dòrain’. Tha Donnchadh a’ dèanamh tuairisgeul de dh’eilid: Bha i ‘grad-charach, fad-chasach, aigeannach, neònach, geal-chèireach, gasganach, gealtach ro mhadadh…’ Geal-chèireach – ‘w³ó¾±³Ù±ð-²ú³Ü³Ù³Ù´Ç³¦°ì±ð»å’.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ann an dàn ainmeil eile aige – Coire a’ Cheathaich – tha Donnchadh a’ cleachdadh ‘geal’ ann an co-cheangal ris a’ bhradan. Seo pàirt dhen naoidheamh rann:

Tha bradan tarr-gheal sa choire gharbhlaich,

Tha tighinn on fhairge bu ghailbheach tonn…

Tha tarr-gheal a’ ciallachadh ‘w³ó¾±³Ù±ð-²ú±ð±ô±ô¾±±ð»å’. Tha bradan tarr-gheal sa choire gharbhlaich – ‘there’s a white-bellied salmon in the rough corrie’.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý B’ e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair sàr-bhàrd eile. Seo e a’ cleachdadh an fhacail ‘geal’ anns an dàn ainmeil aige, ‘Allt an t-Siùcair’. Tha e a’ bruidhinn ris an àite fhèin:

gur h-àlainn barr-fhionn, braonach

do chanach caoin-gheal thom…

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Do chanach caoin-gheal thom ‘your soft white big-cotton of [the] hillocks’. Do chanach caoin-gheal thom. Tha canach, gu dearbh, caoin-gheal.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Mu dheireadh, bu mhath leam innse dhuibh mu fhacal fillte a chleachd an dà chuid, Donnchadh Bàn agus Mac Mhaighstir Alasdair, anns a’ bhàrdachd aca. ’S e sin brisg-gheal ‘clear, transparent, limpid’. Brisg-gheal. Tha an dithis ga chleachdadh ann an co-cheangal ri uisge. Seo earrann à Allt an t-Siùcair:

Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan

meall-chùirneineach ’s binn fuaim,

bras-shruthain Allt-an-t-Siùcair

ri torman siùbhlach, luath…

Agus earrann à Beinn Dòrain:

Le glainnead a h-uisge Gu maoth-bhlasta, brisg-gheal…With the cleanliness of her water, sweet-tasting and clear. Le glainnead a h-uisge, gu maoth-bhlasta, brisg-gheal. ’S e sin aon rud a tha fìor mu Alba. Tha uisge againn ann am pailteas. Agus tha a’ chuid as motha dheth brisg-gheal.

The Little Letter 565

What’s the Gaelic for ‘white-legged’ or ‘white-footed’? Well, here is a way of saying that – geal-chasach or geala-chasach. Like a Scot on a beach in Spain at the beginning of summer – white-legged!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý There is a place-name in the vicinity of Torridon in Wester Ross – ‘the little white-footed clump of trees’. That place got the name from the birch trees that grow there. They’re white at the bottom. They’re white-footed.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Duncan Ban MacIntyre uses the word ‘white’ in different ways in his poetry. Here is an example from his poem ‘Beinn Dòrain’. Duncan is describing a hind: She was ‘quick of movement, long-limbed, spirited, eccentric, white-buttocked, white-tailed, timorous before a dog...’ Geal-chèireach – ‘w³ó¾±³Ù±ð-²ú³Ü³Ù³Ù´Ç³¦°ì±ð»å’.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý In another of his famous poems – The Misty Corrie – Duncan uses ‘geal’ in connection with the salmon. Here is part of the ninth verse:

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý There is a white-bellied salmon in the rugged corrie,

That comes from the ocean of the stormiest wave...

ÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tarr-gheal means ‘w³ó¾±³Ù±ð-²ú±ð±ô±ô¾±±ð»å’. Tha bradan tarr-gheal sa choire gharbhlaich – ‘there’s a white-bellied salmon in the rough corrie’.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair is another great poet. Here he is using the word ‘geal’ in his famous poem, ‘The Sugar Burn’. He is speaking to the place itself:

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý how beautiful, fair-headed and dewy [is]

your soft white bog cotton of [the] hillocks.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Do chanach caoin-gheal thom ‘your soft white big-cotton of [the] hillocks’. Your soft white big-cotton of [the] hillocks’. Bog-cotton is indeed soft and white.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Finally, I’d like to tell you about a compound word that both Duncan Bàn and Mac Mhaighstir Alasdair used in their poetry. That is brisg-gheal ‘clear, transparent, limpid’. Brisg-gheal. Both of them use it in connection with water. Here is a passage from ‘The Sugar Burn’:

how sweet, transparent and pure [are the]

piles of water droplets and melodious sound;

the rapids of the Sugar Burn

making a smooth, fast murmuring...

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý And a passage from Beinn Dòrain:

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý With the cleanliness of her water, Sweet-tasting and clear...

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý With the cleanliness of her water, sweet-tasting and clear. Le glainnead a h-uisge, gu maoth-bhlasta, brisg-gheal. That’s one thing that’s true about Scotland. We have water in abundance. And most of it is [beautifully] clear. Goodbye.

Broadcast

  • Mon 7 Mar 2016 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast