Main content

A' bhraiste airgid

Lean Freya 's i a' faighinn a-mach mu na thachair ann an latha nan Lochlannach. Drama for schools following Freya who is on holiday in Orkney and learning all about the Vikings.

Tha am prĂČgram seo agus prĂČgram na seachdain sa tighinn a' leantainn Freya a tha air saor-lĂ ithean ann an Arcaibh agus ag ionnsachadh mu na Lochlannaich.

Tha caraid dha seanair a' tadhal agus a' sealltainn dhi brĂ iste a chaidh a chladhach aig lĂ rach arceĂČlais. Tha i cuideachd a' tadhal air taigh-tasgaidh far a bheil tĂČrr nithean Lochlannach. An toiseach, chan eil Freya a' tuigsinn carson a thathas a' cur uiread de shuim anns na nithean ach beag air bheag, tha i a' tighinn thuige.

An dĂšidh gach earrainn dhen phrĂČgram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson cĂČmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an cĂ raidean no ann am buidhnean.

Tha na prĂČgraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dĂ rna ĂŹre den Churraicealam airson SĂ r-mhathais.

Tha notaichean tidseir le gnĂŹomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Available now

20 minutes

Last on

Sun 1 Dec 2013 14:30

Broadcasts

  • Fri 29 Nov 2013 11:30
  • Sat 30 Nov 2013 10:30
  • Sun 1 Dec 2013 14:30