Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Episode 4 of 6

Air chuairt a' comharrachadh beatha Iain Muir; Albannach, eòlaiche-nàdair is -àrainneachd. A celebration of John Muir, the Scottish-born American naturalist and environmentalist.

Anns an t-sreath seo, tha Murchadh MacLeòid agus Dòmhnall Dòmhnallach - dithis a tha eòlach agus dèidheil air a bhith coiseachd - a' leantainn Slighe Iain Muir tro sgìre Lodainn an Ear.
Tha iad a' ruith air sgeulachd a bheatha agus a' toirt dhuinn an sealladh fhèin air an àrainneachd, an sgìre, na bailtean agus na costaichean a bhrosnaich Muir na bhalach òg.

An-diugh, tha iad an cois Nèill MhicGriogair, air an t-slighe eadar Baile na Linne agus Bearraig a Tuath. Tha an t-slighe sin a' ruith mu dheich mìle tro thalamh-àitich agus tro choilltean. Bha sgìre Lodainn an Ear a-riamh ainmeil airson torrachd na talmhainn agus tha iad a' coiseachd seachad air acraichean mòra eòrna is eile air an t-slighe. Cluinnear cuideachd mar a tha cuid de na coilltean as seana an Alba rim faicinn a seo. Agus bidh iad a' dìreadh Dùn Bhearraig a Tuath air iomall a' bhaile, le seallaidhean àlainn gach taobh den sgìre ri fhaighinn aig mullach na beinne.

Tha an t-sreath a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a bhàsaich Iain Muir. Chaidh a chlàradh ann an 2013 agus chaidh Slighe Iain Muir a leudachadh gu ruige Bail' Eilidh air a' chost an iar sa Ghiblean 2014. 'S ann à Bail' Eilidh a sheòl teaghlach Muir a dh'Ameireagaidh.

30 minutes

Last on

Sun 1 Jun 2014 13:00

Broadcasts

  • Mon 19 Aug 2013 13:30
  • Mon 19 Aug 2013 22:00
  • Sun 25 Aug 2013 13:00
  • Mon 26 May 2014 13:30
  • Mon 26 May 2014 22:00
  • Sun 1 Jun 2014 13:00

Gallery