Main content

03/06/2013

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

3 minutes

Last on

Mon 3 Jun 2013 19:00

Clip

An Litir Bheag 421

Bha mi ag innse dhuibh mu Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain. Tha grunn stòiridhean ann mu bheatha is mìorbh-ailean Naomh Brìde. Seo eisimpleirean bhon leabhar.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý     Bha a pàrantan ag iarraidh air Brìde pòsadh. Ach cha robh i air a shon. Ghuidh i air an Tighearna gun tigeadh mì-chumadh oirre. Mar sin, cha bhiodh nòisean aig fir dhi. Spreadh tè de na sùilean aice na ceann. Bha mì-chumadh oirre mar a dh’iarr i.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý     Nuair a bha i na bean-chràbhaidh, thàinig boireannach thuice. Bha i a’ fulang leis an luibhre. Bha i a’ sireadh bainne. Cha robh bainne aig Brìde. Ach thug i uisge don bhoireannach. Dh’òl am boireannach an t-uisge agus thàinig leigheas oirre.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý     Turas eile, bha Brìde a’ siubhal ann an cairt le eich. Chunnaic i fear bochd agus a theaghlach a’ giùlain fiodh. Bha an obair trom. Ghabh Brìde truas riutha. Thug i na h-eich aice don teaghlach. Shuidh i fhèin is a maighdeanan ri taobh an rathaid. Bha am pathadh orra. ‘Tog an sgrath sin,’ thuirt Brìde. Fon sgrath bha fuaran! An dèidh sin, bha commandair airm a’ dol seachad. Thug esan dà each do Bhrìde.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý     Bha i ann an coitheanal mòr turas. Chuir boireannach casaid às leth easbaig gum b’ esan athair a’ phàiste aice. Thug Brìde air a’ phàiste bruidhinn. ‘Cò d’ athair?’ dh’fhaighnich i. Fhreagair e, ‘Chan e an t-easbaig m’ athair, ach cuideigin olc air iomall a’ choitheanail.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý     Ach cò bha ann am Brìde? Tha i air a h-ainmeachadh ann an àiteachan mar Cille Brìde agus Lann Brìde. Tha i co-cheangailte gu làidir ri Cill Dara ann an Èirinn.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý     Tha sgoilearan ag innse dhuinn gun robh seann ban-dia phàganach ann, air an robh ‘Brìde’. Bha i air a gabhail thairis leis an Eaglais. Bha i air a comharrachadh air a’ chiad fhèill-chairteil dhen bhliadhna. B’ e sin Imbolg aig toiseach a’ Ghearrain. Tha sin letheach-slighe eadar toiseach na Samhna agus Latha Buidhe Bealltainn.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý     ’S e Imbolg a chanadh na h-Èireannaich phàganach. Ach cha chuala mi fhìn ann an Alba ach Fèill-Brìde. ’S e a bha innte fèill a bha an dà chuid pàganach agus Crìosdail – mar a bha Brìde fhèin.

The Little Letter 421

I was telling you about The Aberdeen Breviary. There are a few stories in it about the life and miracles of St Brigit/Bride. Here are examples from the book.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Her parents were wanting Brigit to marry. But she wasn’t for it. She beseeched the Lord that she would gain a deformity. Thus, men would not be inclined towards her. One of her eyes burst in her head. She had a deformity just as she had asked.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý When she was a nun, a woman came to her. She was suffering from leprosy. She was looking for milk. Brigit had no milk. But she gave the woman water. The woman drank the water and she was cured.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Another time, Brigit was travelling in a cart with horses. She saw a poor man and his family gathering wood. The work was heavy. Brigit felt sympathy for them. She gave her horses to the family. She and her maidens sat by the side of the road. They were thirsty. ‘Lift that sod,’ said Brigit. Under the sod, there was a spring! After that, a military commander was going past. He gave Brigit two horses.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý She was at a big congregation on one occasion. A woman accused a bishop of being the father of her child. Brigit made the child speak. ‘Who is your father? she asked. He replied, ‘It’s not the bishop who is my father but an evil man at the edge of the congregation.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý But who was Brigit? She is named in places like Kilbride and Lhanbryde. She is strongly linked to Kildare in Ireland.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Scholars tells us that there was an old pagan goddess called ‘Brìde’. She was adopted by the Church. She was celebrated on the first quarter-day of the year. That was Imbolg at the start of February. That’s halfway between the start of Samhain [at Hallowe’en] and the Yellow Day of Beltane [the first of May].

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Imbolg is what the pagan Irish called it. But in Scotland I’ve only heard ‘Brigit’s feast-day’. It was a feast that was both pagan and Christian – as was Brigit herself.

Broadcast

  • Mon 3 Jun 2013 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast