Main content

22/04/2013

A bheil fios agaibh dè tha ann an dochy? Faigh a-mach ann an litir bheag na seachdain-sa.Find out what a dochy is in this week's short letter for learners.

3 minutes

Last on

Mon 22 Apr 2013 19:00

Clip

An Litir Bheag 415

A bheil fios agaibh dè tha ann an ‘dochy’? Tha e air a litreachadh, ann am Beurla, D-O-C-H-Y. Tha mi cinnteach, ann an Gàidhlig, gu bheil e air a litreachadh D-O-C-H-A-I-D-H. ’S e a tha ann, no a bha ann, maide daraich. Bha e goirid agus tiugh. Bha e trom, le ceann mòr cruaidh air.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha an dochaidh air a chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd mar bhall-airm. Tha mi cinnteach gun robh e car coltach ris a’ mhaide Èireannach, an sail éille no shillelagh.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a leugh mi mu dheidhinn an dochaidh an toiseach, bha mi a’ smaoineachadh gun robh am facal co-cheangailte ri dochann. Bha an dàrna duine a’ dochann duine eile le dochaidh. Uill, ’s dòcha gun robh, ach chan e sin tùs an fhacail, a rèir choltais.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thàinig am facal bhon Ghàidhlig ceart gu leòr, ach chan ann bho dochann. Thàinig e bho ainm-àite ann an Loch Abar – Dabhach an Fhasaidh. ’S e sin ceàrnaidh faisg air ceann a deas Loch Lòchaidh. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the davoch of the dwelling’; ’s e davoch seann slat-tomhais fearainn a bha aig na Cruithnich.

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ’S e Dochanassie a tha air a’ cheàrnaidh ann am Beurla. Agus ’s e Dochanassie Stick ainm a’ mhaide ann am Beurla.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a chaidh an abairt a chruthachadh airson na Gàidhealtachd – ‘Tìr nam beann, ’s nan gleann ’s nan gaisgeach’ – ’s dòcha gun robh daoine a’ beachdachadh air Dabhach an Fhasaidh. Bha gaisgich gu leòr a’ fuireach ann aig aon àm. ’S dòcha gu bheil muinntir an àite gaisgeil fhathast!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha dochaidhean aig daoine aig àm sìthe. Bha iad airson an dìon, mar eisimpleir, nuair a chaidh iad do na fèilltean-reic ann an Drochaid an Aonachain agus àiteachan eile. Aig àm cogaidh, ’s e claidheamhan a bha iad a’ toirt leotha, seach dochaidhean.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha daoine a’ toirt dochaidhean leotha gu taighean-seinnse cuideachd. Ann an sabaid fo mhullach ìosal, bha na daoine a’ greimeachadh an dochaidh na mheadhan. Le ceann trom air, bha e fhathast ag obair gu math.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Saoilidh mi nach eil muinntir Loch Abar a’ toirt dochaidhean leotha tuilleadh. Ach chì sibh gillean òga a’ dol timcheall le camain fhathast!

The Little Letter 415

Do you know what a ‘dochy’ is? It’s spelled, in English, D-O-C-H-Y. I’m certain that in Gaelic it’s spelled D-O-C-H-A-I-D-H. It is, or was, an oaken stick. It was short and thick. It was heavy, with a large hard head on it.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý The dochy was used in the Highlands as a weapon. I’m sure it was it quite like the Irish stick, the sail éille or shillelagh.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý When I first read about the dochy, I was thinking that the word was connected to dochann. One man was beating another with a dochy. Well, perhaps he was, but that’s not the origin of the word, apparently.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý The word came from Gaelic, certainly, but not from dochann. It came from a place-name in Lochaber – Dabhach an Fhasaidh. That’s a locality near the southern end of Loch Lochy. The name means ‘the davoch of the dwselling; a davoch is an old measurement of land that the Picts used.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý The locality is called Dochanassie in English. And the stick is called a Dochanassie Stick in English.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý When the phrase about the Highlands was created – ‘The land of the mountains, the glens and the heroes’ – perhaps people were thinking about Dochanassie. There were plenty of heroes living there at one time. Perhaps the locals are still heroic!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌý People had dochies at time[s] of peace. They were to protect them, for example, when they went to the animal sales in Spean Bridge and other places. At time of war, it’s swords they were taking with them, rather than dochies.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý People were taking dochies with them to pubs as well. In a fight under a low roof, the people were holding the dochy around the middle. With a heavy head on it, it still worked well.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý I reckon the folk of Loch Abar don’t carry dochies anymore. But you still see young lads going around with camans [shinty sticks]!

Broadcast

  • Mon 22 Apr 2013 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast