Main content

25/02/2013

Cluinnidh sinn tuilleadh mun t-soitheach, an Admiral, an t-seachdain-sa. Roddy MacLean tells us more about the boat, The Admiral.

Bidh Ruairidh MacIlleathain a' bruidhinn mun t-soitheach, an Admiral. Sheòl i à Loch Baghasdal gu ruige Quebec ann an ochd ceud deug, caogad 's a h-aon (1851). Bha ceithir cheud gu leth Barrach air bòrd. Dh'fhuadaich an t-uachdaran, an Coirneal Iain Gòrdan Chluanaidh, na daoine. Roddy MacLean tells us more about the boat, The Admiral.

3 minutes

Last on

Mon 25 Feb 2013 19:00

Clip

An Litir Bheag 407

coin.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh na maoir a Bharraigh cuideachd, far an d’ fhuair iad grèim air daoine eile. Chuir iad gu Loch Baghasdal iad – agus air bòrd an Admiral.

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ach cha d’ fhuair iad grèim air a h-uile duine. Air Beinn Bhaslain, bha nigheanan Iain MhicDhùghaill am falach. Chunnaic iad an athair, agus e air a thoirt air falbh. Ann am Buaile nam Bodach, chaidh Mìcheal MacIlleathain, gille sia bliadhn’ deug a dh’aois, am falach. Bha e air leac air na creagan.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Dà bhliadhna às dèidh gun do sheòl an Admiral à Loch Baghasdal, bha soitheach eile ann an uisgeachan nan eilean. Bha ise cuideachd a’ dol a Quebec. Ach tha stòiridh an Annie Jane eadar-dhealaichte. Chan e eileanaich a bha anns na daoine air bòrd. Agus, eucoltach ris na daoine air an Admiral, a fhuair bàs air taobh thall a’ chuain, fhuair a’ chuid a bu mhotha de na daoine air an Annie Jane bàs anns na h-eileanan.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha mhòr nach eil ochd fichead bliadhna air a dhol seachad bhon uair sin. Sheòl an Annie Jane à Liverpool anns an Lùnastal ochd ceud deug, caogad ’s a trì (1853). Coltach ris an Admiral, bha timcheall air ceithir cheud duine air bòrd. Bha mòran dhiubh à Èirinn. Bha mu cheud duine à Galltachd na h-Alba. ’S e luchd-ceàirde a bha annta. Bha fèill mhòr air luchd-ceàirde ann an Canada.

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha feadhainn ann cuideachd à Lancashire ann an Sasainn. Bha feadhainn a bha rudeigin beartach. Bha iadsan a’ dol gu beatha ùr ann an Canada. Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain mar a thachair dhaibh uile aig beul a’ Bhàigh Siar ann am Bhatarsaigh.

The Little Letter 407

I was speaking about the vessel, the Admiral. She sailed from Lochbois-dale in 1851. There were 450 natives of Barra on board. The landlord, Colonel John Gordon of Cluny, cleared the people.

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý When the people left their houses, the landlord’s agents destroyed the buildings. Some refused to go on the Admiral in Lochboisdale. The agents went after them with dogs.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý The agents went to Barra as well, where they got hold of other people. They put them to Lochboisdale – and on board the Admiral.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý But they didn’t get hold of everybody. On Beinn Bhaslain, the daughters of John MacDougall hid. They saw their father being taken away. In Balnabodach, Michael Maclean, a lad of 16 years of age, hid. He was on a ledge on the cliffs.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Two years after the Admiral sailed from Lochboisdale, there was another vessel in island waters. She was also going to Quebec. But the story of the Annie Jane is different. The people on board weren’t islanders. And, unlike the people on the Admiral, who died on the far side of the ocean, most of the people on the Annie Jane died in the islands.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nearly 160 years have gone by since then. The Annie Jane sailed from Liverpool in August 1853. Like the Admiral, there were around four hundred people on board. Many of them were from Ireland. About a hundred people were from the Lowlands of Scotland. They were tradespeople. Tradespeople were in high demand in Canada.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý There were also some from Lancashire in England. There were some who were rather well-off. They were going to a new life in canada. I’ll tell you what happened to all of them at the mouth of the Bàgh Siar in Vatersay.

Broadcast

  • Mon 25 Feb 2013 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast