Main content

03/12/2012

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

3 minutes

Last on

Mon 3 Dec 2012 19:00

Clip

An Litir Bheag 395

Bha mi a’ bruidhinn, an t-seachdain sa chaidh, mun chraoibh-challtainn. Thàinig leabhar ùr a-mach o chionn ghoirid. ’S e an tiotal a tha air Atlantic Hazel: Scotland’s Special Woodlands. Tha na h-ùghdaran, Sandy agus Brian Coppins, ag ràdh gu bheil cuid de choilltean air a bhith ann fad ceudan bhliadhnaichean. Tha na coilltean sin uabhasach sean. Mar sin, tha iad uabhasach prìseil.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus bidh na craobhan-calltainn fhèin a’ fàs uabhasach sean. Bidh iad a’ cur stocan ùra an-àirde an àite na seann fheadhainn a bhàsaich. Bidh stocan is geugan a’ bàsachadh. Ach bidh a’ chraobh fhathast beò.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha e ro dhorch air làr na coille airson leigeil le craobhan òga eile a’ fàs – mar an darach no a’ bheithe. Ach tha a’ challtainn a’ fàs gun duilgheadas – oir tha na stocan ùra mar phàirt de sheann chraobh.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Sandy is Brian Coppins nan eòlaichean chrotal. Tha Coilltean-calltainn a’ Chuain Siar cudromach gu h-eadar-nàiseanta. Carson? Uill, tha an t-uabhas sheòrsaichean de chrotail a’ fàs annta. Dh’aithnich na Coppins gun robh cuid de na coilltean-calltainn Albannach uabhasach sean. Bha na crotail ag innse sin dhaibh.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bidh cuid de na crotail a’ fàs a-mhàin ann am fìor sheann choilltean. Cha bhi iad a’ fàs far an robh mac-an-duine a’ dèanamh preasarlach. Agus cha bhi iad a’ fàs ann an coilltean òga. Bha cuid de ar coilltean-calltainn ann am bith ri linn Oisein. Agus ri linn athair Oisein!

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An ath thuras a tha sibh a-muigh ann an coille-chnò (no coille-challtainn), cumaibh ùr sùilean fosgailte airson fungas sònraichte. Tha e ruadh. Tha e a’ fàs air geugan chraobh-calltainn. Tha e coltach ri meuran no miotag a tha a’ greimeachadh air a’ ghèig. ’S e hazel gloves fungus an t-ainm a tha air ann am Beurla – fungas miotag calltainn. Ma tha am fungas sin ann, tha a’ choille gu math sean.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Coilltean-calltainn a’ Chuain Siar mar phàirt de dh’àrainn a tha gann air feadh an t-saoghail. ’S e sin coilltean-uisge neo-theth nan cladaichean. Agus an seòrsa ann an Alba is Èirinn, ’s e Coille-uisge Cheilteach a chanas daoine rithe. Nach brèagha an t-ainm sin!

The Little Letter 395

I was speaking, last week, about the hazel tree. A new book was published recently. Its title is Atlantic Hazel: Scotland’s Special Woodlands. The authors, Sandy and Brian Coppins, say that some woods have existed for centuries. Those woods are very old. Thus, they are very valuable.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý And the hazel trees them-selves grow very old. They put up new stems in place of the old ones that [have] died. Stems and branches die. But the tree lives on.

ÌýÌý ÌýÌýÌýÌýÌýIt’s too dark on the floor of the wood to allow other young trees to grow – such as the oak or the birch. But the hazel grows without difficulty – because the new stems are part of an old tree.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌý Sandy and Brian Coppins are lichenologists. The Atlantic hazel woods are internationally important. Why? Well, an enormous variety of lichens grows in them. The Coppins recognised that some of Scotland’s hazel woods are very old. The lichens told them that.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Some types of lichen only grow in very old woods. They don’t grow where man was coppicing. And they don’t grow in young woods. Some of our hazel woods existed in the days of Oisean. And in the days of Oisean’s father [Fionn]!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý The next time you are out in a hazel wood, keep your eyes open for a special fungus. It’s red-brown. It grows on hazel branches. It’s like fingers or a glove that is gripping the branch. It’s called hazel gloves fungus in English – fungas miotag calltainn. If that fungus is there, the wood is very old.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Atlantic hazel woods are part of a habitat that is rare globally. That is coastal temp-erate rainforests. And the type in Scotland and Ireland, people call it Celtic Rainforest. Isn’t that a beautiful name!

Broadcast

  • Mon 3 Dec 2012 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast