Main content

07/11/2011

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

5 minutes

Last on

Mon 7 Nov 2011 19:00

Clip

An Litir Bheag 339

Tha mi ag innse na seann sgeulachd Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan. Fhuair am boireannach a-mach às a’ chaisteal, air falbh bho na h-amhaisgean. Chaidh i dhachaigh do a h-athair, an Rìgh, ann an Rìoghachd na Fuarachd. Bha i a’ dol a thilleadh airson an saighdear a phòsadh.

            Dh’fhàg an saighdear an caisteal. Chaidh e gu taigh a bha faisg. ’S ann le bean-shìth a bha an taigh. Chaidh an saighdear gu tobar airson uisge. Thàinig a’ bhean-shìth air a chùlaibh. Chuir i prìne draoidheachd ann an cùl a chinn.

            Thàinig an Rìgh. Bha an saighdear na chadal. Dh’fheuch an Rìgh ri a dhùsgadh. Cha dhùisgeadh e. Agus dh’fhalbh an Rìgh dhachaigh.

            Spìon a’ bhean-shìth am prìne draoidheachd. Dhùisg an saighdear. Chaidh e don chaisteal. Lorg e an dithis shaighdearan eile.

            “A bheil sibh a’ tighinn còmhla rium a Rìoghachd na Fuarachd?” thuirt e.

            “Chan eil,” ars iadsan.

            Agus leig e an sin iad. Lorg e trì cìrean-eich. Thug e na cìrean leis agus dh’fhalbh e. Stad e mu dheireadh aig bothan. Bha bodach liath ann. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan fraoich.

            “Nach garbh a’ chìr a tha agad!” thuirt an saighdear.

            “Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

            “Tha nas fheàrr agamsa,” thuirt an saighdear. Agus thug e cìr-eich don bhodach.

            “Tha fios agam cà’l thu a’ dol,” thuirt am bodach. “Dha do leannan ann an Rìoghachd na Fuarachd. Fuirich an oidhche an seo. Faodaidh tu falbh anns a’ mhadainn.”

            An làrna-mhàireach, bha e a’ dèanamh deiseil airson falbh. Thuirt am bodach liath ris, “Cuiridh mo bhràthair air an rathad cheart thu. Tha e aig astar latha is bliadhna às a seo. Ach bheir mise dhut paidhir bhrògan. Bheir na brògan ann thu ann an aon latha.”

            Dh’fhalbh an saighdear. Aig deireadh an latha, chunnaic e bothan. Bha bodach liath ann na shuidhe aig teine. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan giuthais.

            “Nach garbh a’ chìr a tha agad!” thuirt an saighdear.

            “Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

            Agus cuiridh mi crìoch air an stòiridh an-ath-sheachdain. 

The Little Letter 339

I’m telling the story The Awisks or The Three Soldiers. The woman got out of the castle, away from the awisks. She went home to her father, the King, in the Kingdom of Coldness. She was going to return to marry the soldier.

        The soldier left the castle. He went to a house that was close. The house was owned by a fairy woman. The soldier went to a well for water. The fairy woman came behind him. She put a magic pin in the back of his head.

        The King came. The soldier was sleeping. The King tried to waken him. He wouldn’t waken. And the King went home.

        The fairy woman plucked out the magic pin. The soldier awoke. He went to the castle. He found the other two soldiers.

        “Are you coming with me to the Kingdom of Coldness?” he said.

        “No,” they said.

        And he left them there. He found three curry [horse] combs. He took the combs with him and left. He eventually stopped at a bothy. There was a grey-haired man there. He was combing his beard with a clump of heather.

        “What a rough comb you have!” said the soldier.

        “I have none smoother,” the old man replied.

        “I have better,” the soldier said. And he gave a curry comb to the old man.

        “I know where you’re going,” said the old man. “To your sweetheart in the Kingdom of Coldness. Stay the night here. You can leave in the morning.”

        Next day, he was making ready to leave. The grey-haired old man said to him, “My brother will put you on the right road. He is a distance of a year and a day from here. But I’ll give you a pair of shoes. The shoes will take you there in one day.”

        The soldier left. At the end of the day, he saw a bothy. There was a grey-haired old man sitting at a fire. He was combing his beard with a clump of pine.

        “What a rough comb you have!” said the soldier.

        “I have none smoother,” the old man replied.

        And I’ll finish the story next week.

Broadcast

  • Mon 7 Nov 2011 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast