±«Óătv

A h-uile latha bidh sinn a' sadail Ă s nan tunnaichean de bhiadh. Carson a tha sin agus ciamar a chuireas sinn stad air?

Carson a bhios sinn a' caitheamh biadh?

Bidh biadh a' dol dhan bhiona oir:

  • Bidh sinn a' ceannach barrachd na dh'fheumas sinn.
  • Bidh sinn a' bruich agus a' lìonadh nan truinnsearan againn le barrachd 's na dh'itheas sinn.
  • Cha bhi sinn a' cleachdadh biadh mus tèid an deit aige seachad.
  • Cha bhi sinn a' stòradh biadh mar bu chòir agus thèid e a dhìth nas luaithe na bu chòir.

A' stòradh biadh

Ma thèid biadh a stòradh ceart, mairidh e nas fhaide. Seo eisimpleirean:

  • Feumaidh tu aran a chumail ann an Ă ite fionnar, dorcha.
  • Tha e nas fhèarr leiteas a chumail ann an drathair sailead sa frids.
  • Bu chòir cĂ ise a chòmhdach agus a chumail fionnar sa frids.

Cliog tron taisbeanadh gu h-ìosal agus faigh a-mach dè bu chòir dhut a stòradh anns gach àite.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Frids làn mheasan agus lusan, Frids Bu chòir bainne, ìm, iogart, feòil, iasg agus lusan a bhith sa frids airson an cumail fionnar agus ùr.

Dèan todhar!

Ged a bhiomaid a' feuchainn gun chàil a chaitheamh, uaireannan bidh corran bìdh againn. Mus cuir sinn dhan bhiona iad airson an cur dhan talamh, bu chòir dhuinn stad agus smaoineachadh air… todhar!

Dè th' ann an todhar gàrraidh?

  • Bidh todhar gĂ rraidh air a dhèanamh nuair a lobhas agus a bhriseas biadh sìos agus a thèid e na Ăąľ±°ů.
  • Tha e furasta biona todhar gĂ rraidh a dhèanamh bho bhiona plastaig le tuill ann.
  • Lìon am biona airson todhar gĂ rraidh le corran mheasan, lusan, feur air a ghearradh agus stuth sam bith eile Ă s a' ghĂ rradh. Faodaidh tu cuideachd pocannan-teatha agus cnapan pĂ ipeir a chur ann.
  • Chan fhaodar corran bho stuthan bheathaichean mar feòil a chur dhan mhòr-chuid de bhionaichean todhar gĂ rraidh.
  • An ceann Ăąine brisidh an sgudal sìos agus thèid e na Ăąľ±°ů a bhios lĂ n mathachaidh.
  • Tha an Ăąľ±°ů seo math airson lusan Ăąra fhĂ s. Dh'fhaodadh tu an todhar gĂ rraidh a chleachdadh airson lusan fhĂ s dhut fhèin.
Biona todhar gĂ rraidh le biadh agus stuth Ă s a' ghĂ rradh
Image caption,
Faodaidh measan, lusan, feur air a ghearradh agus stuth eile Ă s a' ghĂ rradh a dhol ann am bionaichean todhar gĂ rraidh.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè nas aithne dhut mu chaitheamh bìdh.

More on Biadh agus slĂ inte

Find out more by working through a topic