±«Óătv

Bha factaraidhean aig Raibeart Owen agus bha e airson gum biodh slàinte agus sunnd na b' fheàrr aig an luchd-obrach aige. Bha e ainmeil air feadh an t-saoghail airson a bheachdan agus bha iad nan adhbhar air an comann-sòisealta a leasachadh.

Faigh a-mach mu Raibeart Owen.

Image caption,
Bha Raibeart Owen 29 nuair a ghabh e thairis Muileann Lannraig Nuaidh.

Cò bh' ann?

  • Rugadh Raibeart anns a' Chuimrigh air 14 Cèitean 1771.
  • Dh'fhĂ g e an sgoil aig aois 10 airson a bhith na cheannaiche-aodaich (bidh marsanta a' malairt bathar a rinn daoine eile). Bhiodh bĂąth a' cheannaiche-aodaich a' reic stuth-aodaich, agus bhiodh daoine ga cheannach airson aodach a dhèanamh dhaibh fhèin.
  • Nuair a bha e 21 bha e na mhanaidsear air muileann chotain ann am Manchester.
  • Chunnaic Owen gun robh beatha glè chruaidh aig luchd-obrach agus bha e dhen bheachd gun dèanadh iad obair na b' fheĂ rr nam biodh sochairean na b' fheĂ rr aca agus gum biodh iad na bu thoilichte.
  • Thug e lĂ ithean-obrach nas giorra cĂąram slĂ inte an-asgaidh agus foghlam bhon òige gus an robh iad nan inbhich dhan luchd-obrach ann am muileann Lannraig Nuaidh ann an Alba.
  • Thug an leasachadh a rinn e air beatha luchd-obrach buaidh air cor obrach air feadh an t-saoghail.
  • Ghluais e a dh'Ameireaga an dèidh sin airson coimhearsnachdan obrach Ăąra a stèidheachadh.
  • Chaochail Raibeart Owen anns a' Chuimrigh air 17 Samhain 1858 agus e 87.
Image caption,
Bha Raibeart Owen 29 nuair a ghabh e thairis Muileann Lannraig Nuaidh.
Loidhne orains
Image caption,
Bha Muilnean Lannraig Nuaidh a' dèanamh cotan gu 1968.

Carson a tha Owen cho cudromach?

Bha Owen dhen bheachd gum bu chòir a bhith còir ri luchd-obrach. Bha e a' creidsinn nam biodh cor beatha nas fheàrr aig daoine gum biodh an comann-sòisealta na b' fheàrr agus na bu thoilichte.

Am measg nan leasachaidhean adhartach a rinn Owen ann an Lannraig Nuadh bha:

  • Siostam foghlaim an-asgaidh dhan h-uile duine
  • Creche do mhĂ thraichean a bha ag obair
  • A' chiad sgoil ann an dĂąthaich sam bith dha na trĂ th ìrean
  • Sgoil do chlann san robh leasain spòrsail gun pheanasan!
  • Clasaichean oidhche agus òraidean do dh'inbhich
  • CĂąram meadaigeach an-asgaidh
  • Cha robh cead aig clann fo 10 obrachadh sa mhuileann
  • ThĂ inig bĂąth a' bhaile gu bhith na modail airson cho-chomainn, le stuth nas saoire do luchd-obrach agus a' phrothaid a' dol air ais dhan choimhearsnachd
  • LĂ ithean-obrach nas giorra
  • Cur-seachadan – consairtean an-asgaidh, dannsa, cluiche ciĂąil agus Ă ite tarraingeach a-muigh.
Image caption,
Bha Muilnean Lannraig Nuaidh a' dèanamh cotan gu 1968.

More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san Ă m a dh'fhalbh

Find out more by working through a topic