tv

Tha a h-uile seòrsa bìdh a' dol air turas eadar far a bheil e a' fàs, no air a dhèanamh, gu do thruinnsear. Canar mìltean bìdh ris an astar a shiubhail biadh.

Bu chòir dhuinn a bhith ag amas air cho beag 's a ghabhas de mhìltean bìdh. Tha a bhith a' taghadh biadh gun uiread de mhìltean bìdh a' cuideachadh le bhith a' beagachadh truailleadh agus a' dìon na planaid againn.

Subhan-làir agus orainsearan
Image caption,
Chan eil uiread de mhìltean bìdh aig subhan-làir ionadail 's a tha aig orainsearan a thàinig à dùthaich eile.

Cuidichidh biadh fallain mar subhan-làir agus orainsearan le mìneachadh mìltean bìdh.

  • Far an deach subhan-làir fhàs agus a reic air tuathanas ionadail, cha do shiubhail iad fada mus robh iad air an truinnsear againn.
  • Ach ge-tà, shiubhail orainsearan a dh'fhàs san Spàinn agus a chaidh a ghiùlan dha na mòr-bhùthan againn air plèan no làraidh, gu math nas fhaide.
  • Chan eil uiread de mhìltean bìdh aig na subhan-làir ionadail 's a tha aig na h-orainsearan a thàinig à dùthaich eile.

Nuair a bhios tu a' cur-ris mìltean bìdh, 's dòcha gum feum thu an turas eadar do dhachaigh agus a' bhùth a chur ann cuideachd. Ma chaidh thu dhan bhùth ann an càr, air bus no trèan, cruthaichidh iad sin eimiseanan carbon agus cuiridh iad na mìltean bìdh am meud. Cha leig thu leas coiseachd no saidhcleadh a chunntadh agus tha iad nas fhallaine cuideachd!

Subhan-làir agus orainsearan
Image caption,
Chan eil uiread de mhìltean bìdh aig subhan-làir ionadail 's a tha aig orainsearan a thàinig à dùthaich eile.

Faclan feumail

  • mìltean bìdh – an t-astar a thàinig biadh mus do ràinig e do thruinnsear. Feumaidh biadh gluasad bhon tuathanas air an do dh'fhàs e, no bhon fhactaraidh anns an deach a dhèanamh, agus a dhol dhan bhùth no dhan mhòr-bhùth airson a reic.
  • eimiseanan carbon – nuair a bhios sinn a' cleachdadh connadh-fosail (gual agus ola) airson lùth, bidh gasaichean cronail mar carbon dà-ogsaid a' dol mu sgaoil ann an àile na talmhainn. Feumaidh sinn lùth airson biadh fhàs, a phròiseasadh agus a ghiùlan. Bidh cuid de bhiadhan a' cleachdadh barrachd lùth na cuid eile.
  • ionadail – faisg air far a bheil thu a' fuireach. Canaidh sinn gu bheil measan agus lusan ionadail ma dh'fhàs iad faisg air far a bheil sinn a' fuireach. Tha bùth ionadail ma tha i anns a' bhaile agad fhèin, seach bùth gu feum thu siubhal.
  • ò󲹾 – a' gluasad dhaoine, beathaichean no bathar ri reic, mar biadh, bho aon àite gu àite eile. Faodar biadh a ghluasad ann an càr, bus, làraidh, bàta no plèan. Tha a' chòmhdail sin gu lèir a' cleachdadh tòrr lùth.
Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Soidhne aig margaid a tha ag ràdh Local Produce, Biadh ionadail Chanamaid gu bheil measan agus lusan ionadail ma dh'fhàs iad faisg air far a bheil thu a' fuireach. Tha seo nas fheàrr dhan àrainneachd oir cha deach uiread de lùth a chosg a' toirt thugad a' bhìdh.

Feuch air na ceistean seo agus gheibh thu a-mach dè nas aithne dhut mu mhìltean bìdh agus mun àrainneachd.

ù

Le inbheach ga do chuideachadh, rannsaich dè am biadh ionadail a tha ri fhaighinn faisg ort.

  • A bheil margaidh tuathanaich faisg ort no bùth le measan agus lusan ionadail?
  • A bheil tuathanas no duine faisg ort a' reic uighean?
  • Am bi bhan èisg a' tighinn dhan sgìre agad?

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic