tv

Tha gach neach diofraichte agus bidh sinn uile ag ithe agus ag òl diofar rudan. Gheibh sinn a-mach carson.

Carson a bhios sinn uile ag ithe biadh diofraichte?

  • San t-saoghal an-diugh, tha roghainn mhòr de bhiadh 's de dheochan againn.
  • Canaidh sinn ar daithead ris na bhios sinn ag ithe 's ag òl.
  • Faodaidh daitheadan a bhith diofraichte air sgàth 's mar a tha ar bodhaigean ag obrachadh, ar creideamh no ar roghainnean cultarail.

Aileirdsidhean bìdh

  • Tha aileirdsidhean bìdh air cuid de dhaoine.
  • Bidh Dzٲ-ìDz ar bodhaigean gar dìon bho bhacteria agus bho bhìorasan. Bidh e a' feuchainn ri ar cumail bho fhàs tinn agus gar cuideachadh a' fàs nas fheàrr ma dh'fhàsas sinn tinn.
  • Nuair a bhios biadh sònraichte a' dèanamh cron air an t-Dzٲ-ìDz, canaidh sinn aileirdsidh bìdh ris. Faodaidh iad seo a bhith cunnartach agus daoine a dhèanamh tinn.
  • Tha aileirdsidhean gu math cumanta agus faodaidh aileirdsidh a bhith oirnn air sgàth iomadh rud.
  • 'S e na h-aileirdsidhean bìdh as cumanta: bainne na bà, cnothan, uighean, iasg (gu h-àraidh maorach) agus gluten.
  • Feumaidh daoine le aileirdsidhean bìdh am biadh sin a sheachnadh no bidh iad tinn. Ach tha iomadh roghainn eile agad ma dh'fheumas tu cuid de bhiadhan a sheachnadh.

Aileirdsidh bainne

  • Tha e gu math cumanta a bhith aileirdsig ri bainne.
  • Bidh sinn ag ithe tòrr bathair air a dhèanamh à bainne na bà, mar ìm, càise agus reòiteag.
  • Tha iomadh roghainn gun bhainne ann do dhaoine nach urrainn a ghabhail.
  • Tha eisimpleirean ann le bainne air a dhèanamh bho: soy, coirce, ò-ò, rus agus almain.

Aileirdsidh gluten

  • Tha aileirdsidh gluten air mòran dhaoine.
  • 'S e òٲ a th' ann an gluten a tha ann an tòrr dhen bhiadh làitheil againn.
  • Tha e ann am biadh air a dhèanamh à à mar aran, briosgaidean agus pasta.
  • Tha biadh gun ghluten ann do dhaoine nach urrainn ithe.

Aileirdsidhean cumanta

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Bainne bho almain, Bainne Tha bainne stèidhichte air lusan ann do dhaoine nach urrainn bainne na bà a ghabhail. Mar eisimpleir, bainne bho almain.

Neo-fhulangasan bìdh

  • Tha neo-fhulangas bìdh eadar-dhealaichte bho aileirdsidh bìdh (nuair a bhios biadh a' dèanamh cron mòr air an t-Dzٲ-ìDz agad).
  • Chan eil neo-fhulanagasan bìdh cho cunnartach agus chan adhbhraich iad comharran a chuireas beatha ann an cunnart.
  • Faodaidh iad buaidh a thoirt air siostam a' chnàmhaidh agus rudan mì-chàilear adhbhrachadh mar ceann goirt agus sèid san stamaig.

Tinneas coeliac

Feumaidh daoine le tinneas coeliac a bhith uabhasach faiceallach nach gabh iad gluten. Faodaidh rud glè bheag dheth cron a dhèanamh air siostam a' chnàmhaidh aca.

Tha e glè chudromach nach gabh iad biadh a tha air a à԰󲹻 le gluten nuair a thathar ga ghiullachd, ga bhruich no ga fhrithealadh.

Biadh halal ann am mòr-bhùth
Image caption,
'S dòcha gun atharraich creideamh an seòrsa bìdh a bhios tu ag ithe. Bidh Muslamaich ag ithe biadh halal, a chaidh a dheasachadh a rèir stiùireadh anns a' Qhur'an.

Creideamh

Bidh creideasan sònraichte mar as trice aig daoine a bhuineas do chreideamh. Dh'fhaodadh gun toir na creideasan sin buaidh air a' bhiadh a bhios iad ag ithe. Mar eisimpleir:

  • Tha riaghailtean ann air a bheil kosher mun dòigh anns am bi daoine a tha a' leantainn teagasg ù󲹳 ag ullachadh agus ag ithe biadh. Feumaidh feòil a bhith air a deasachadh ann an dòighean àraidh, agus chan fhaodar bathar bainne agus bathar feòla a chumail còmhla.
  • 'S e halal an t-ainm airson biadh a tha ceadaichte a rèir Islam. Feumaidh cuid de bhiadhan a bhith air an ullachadh agus air an ithe ann an dòigh àraidh a rèir teagasg Islam.
  • Bidh mòran Hinduthan a' seachnadh feòil-mhairt mar phàirt dhen chreideamh aca.
Biadh halal ann am mòr-bhùth
Image caption,
'S dòcha gun atharraich creideamh an seòrsa bìdh a bhios tu ag ithe. Bidh Muslamaich ag ithe biadh halal, a chaidh a dheasachadh a rèir stiùireadh anns a' Qhur'an.

Feumalachdan daithead eile

A bharrachd air feumalachdan slàinte no creideamh, 's dòcha gum bi sinn a' leantainn daithead shònraichte air adhbharan eile.

Bidh mòran dhaoine a' leantainn daithead shònraichte airson iomadh adhbhar, mar dìon na h-àrainneachd agus math bheathaichean.

Eisimpleirean cumanta:

  • Lus-itheadairean - nach bi ag ithe feòil.
  • Veganaich - nach bi ag ithe feòil no dad sam bith bho bheathaichean, mar càise agus bainne.
  • Iasg-itheadairean - a dh'itheas iasg ach nach ithe feòil.

Feuch na ceistean seo airson faighinn a-mach dè as aithne dhut mu fheuman agus roghainnean daithead dhaoine.

ù

  • An-ath-turas a bhios tu ann am mòr-bhùth, coimhead am faic thu roinnean a tha a' reic biadh airson diofar dhaitheadan. An lorg thu biadh gun ghluten no biadh vegan?
  • Cleachd an t-eadar-lìon còmhla ri inbheach agus faigh a-mach càit an ceannaicheadh tu biadh halal no kosher san sgìre agad.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic