B' e reul-eòlaiche a bh' ann am Williamina Fleming a sgrùd agus a mhap còrr is 10,000 rionnag.
Cò bh' innte?
Rugadh Williamina ann an Dùn Dèagh air 15 Cèitean 1857.
Dh'fhàg i an sgoil aig 14 agus thug i a-mach a bhith na tidsear.
An dèidh dhi fhèin agus dhan duine aice gluasad a dh'Ameireaga ann an 1878, dh'fhàs Williamina trom. Dh'fhàg an duine i, agus bha aig Williamina ri obair fhaighinn airson gun deigheadh aice air i fhèin agus an leanabh a chumail.
Fhuair i obair na searbhanta aig an Àrd-ollamh Eideard Pickering. Bha esan os cionn an amharc-lann aig Oilthigh Harvard faisg air Boston. Bha an amharc-lann ga cleachdadh airson suidheachadh nan rionnagan a mhapadh.
Cha robh dà bhliadhna ann mus do thairg an t-Àrd-ollamh Pickering obair ùr do Williamina, ga chuideachadh a' mapadh nan rionnagan.
B' e à a bh' ann an Williamina san obair ùir aice. Bha aice ri bhith a' dearbhadh dhealbhan de rionnagan a bha uabhasach fad às, agus bha aice ri dòigh a lorg air am fiosrachadh a chur ann an òrdugh.
Chaochail i ann am Boston air 21 Cèitean 1911.
Carson a bha i cudromach?
Smaoinich i air dòigh air rionnagan a ò a rèir soillse agus meud na rionnaig. Tha seo fhathast air a chleachdadh an-diugh.
Lorg i còrr is 400 rionnag agus nithean eile anns an fhànas.
B' e Nebula Ceann an Eich an nì a b' ainmeile a lorg i. 'S e sgòth gas a th' ann an nebula. Tha an fhear seo car coltach ri ceann eich!
B' ise a' chiad neach a lorg troich geal. 'S e troich geal na th' air fhàgail nuair a losgas rionnag a tha meud na grèine againne às.
Dh'obraich Williamina gus dreuchdan do bhoireannaich ann an saidheans a bhrosnachadh. Shaoil i nam faigheadh boireannaich cothrom air an aon thrèanadh ri fir, gun dèanadh iad an obair pailt cho math.
Saoghal Williamina – cuid dhe na h-àiteachan agus dhe na daoine a bha cudromach dhi
1 of 5
More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh
Find out more by working through a topic
- count13 of 28
- count14 of 28
- count15 of 28