CUAIRT COIMISEANAIDH ±«Óãtv ALBA - SAMHRADH 2024
’S e seanail à rd-amasach, a bhuineas don là an-diugh agus don là a-mà ireach a th’ ann am ±«Óãtv ALBA leis a’ Ghà idhlig aig a cridhe. Tha ar sealladh farsaing agus tha sinn airson sgeulachdan innse a thogas ùidh is aire dhaoine air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail. Tha miann sgeulachdan innse a thogas dà imh le luchd-coimhid, anns an urrain dhaibh earbsa a chuir agus a tha mar sgà than air farsaingeachd am beatha.
Tha dà raon air ar n-aire:
1. Sgeulachdan aithriseach. Susbaint là n spionnadh a bheir buaidh gu h-ionadail is gu h-eadar-nà iseanta. Tha an dà chuid brìgh a’ bheachd, agus an dòigh anns an tèid a chuir an cèill, air leth cudromach dhuinn.
2. Co-riochdachadh – beachdan cruthachail a tha à rd amasach agus a tha a’ toirt ionmhais a bharrachd nan cois air neo aig a bheil comas follaiseach sin a thà ladh. Bhiodh sinn a’ sùileachadh beachdan aithriseach, cur seachad, nà dar, no ceòl.
CINN-LÀ THAGRAIDHEAN
• Tha a’ chuairt seo ag amas air clà r Nollaig 2024 agus Earrach 2025.
• Ceann-là airson beachdan – 1f Diciadain 19mh Ògmhios 2024
• Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/±«Óãtv – 5f Dihaoine 28mh Ã’gmhios 2024
Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicChoinnich aig bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
PRÃŒOMHACHASAN FOILLSEACHAIDH
Tha sinn a’ sireadh phrògraman aig am bi buaidh agus sonrachas agus a ghlacas aire air iPlayer.
Thoir thugainn beachdan mu chuspairean a sheasas a-mach anns a’ chlà r agus air am bi fèill às dèidh là imh air iPlayer. Feumar gach cothrom a ghabhail gus ar susbaint a chuir mu choinneimh an luchd-cleachdaidh
Tha sinn a’ sireadh bheachdan cuideachd a b’ urrainn obrachadh ann an clà r ceann-bliadhna 2024/25. Saoil dè na rudan a bheireadh daoine, thar nan ginealachdan, cruinn còmhla. Ma rinneadh roimhe e, cha bhiodh sinn ag iarraidh tionndadh eile air am-bliadhna.
DREACH AGUS FAD
Gabhaidh sinn tagraidhean airson sreathan goirid.
Tha sinn sùbailte a thaobh fad ach le ùidh shònraichte ann an 60, 45 agus suas gu 20 mionaidean airson beachdan a thèid am foillseachadh gu didseatach an toiseach.
Lùigeadh sinn tagraidhean fhaicinn a tha a’ toirt feairt air mar a dh’fhaodadh fad is cruth a chleachdadh airson stuthan ùra a dhealbh agus a lìbhrigeadh gu h-à raidh mu choinneimh feumalachdan iPlayer. Bu chòir coimhead air cruthan-goirid mar dhòigh air tiotalan ùra a stèidheachadh, chan ann mar rud a lìonas beà rn sa chlà r.
Aig a’ cheann eile ge-ta, beachdaichidh sinn air tagraidhean à rd-amasach airson pròiseactan aithriseach a sheasas suas gu 90m agus a dh’fhaodadh nochdadh san taigh-dhealbh no aig fèisean mas tigeadh iad gu clà r TBh. Bhiodh dùil gun tigeadh an leithid le ionmhas a bharrachd, air neo plana dearbhte airson a leithid fhaighinn, nan cois.
TAGRAIDHEAN
• Thoir fios dhuinn le:
1. Iomradh cruthachail
2. An luchd-cleachdaidh san amharc
3. Prìomh thà lant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara
4. Fios mu aontaidhean
5. ÃŒomhaighean mun chuspair
6. Prìs
7. Cuin a thèid a lìbhrigeadh
• Seall dhuinn gu bheil thu air smaoineachadh air mar a thogadh ùidh luchd-amhairc anns a’ phrògram tro phà ipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.
• Cuiridh sinn fà ilte air blas de na prògraman ged nach eil seo riatanach.
• Dh’fhaodadh gun tèid coinneamh a chumail leis an luchd-tagraidh gus na tagraidhean a leasachadh.
• Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman maoineachaidh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhà in, iad seo:
Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail -
Creideasan Cìse BFI -
Cò Sinn?
- Ceannard Craoladh GÃ idhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach
- Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron
- Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
- Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
- Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell